£4.5m sa bhliadhna dhan choimhearsnachd bho 'Spiorad na Mara'

Tha a' chompanaidh a th' air air cùl phlanaichean tuath-gaoithe mòr a thogail far chladach Taobh Siar Leòdhais a' gealltainn buannachd luach £4.5m sa bhliadhna dhan choimhearsnachd ma thèid am pròiseact Spiorad na Mara air adhart.

Tha Buidheann Oighreachdan an Taobh Siar ag ràdh gur e clach-mhìle chudromach a th'anns a' ghealltanas seo - ach nach eil seo a' ciallachadh gu bheil iad a' cur taic ris a' phròiseact.

Seo Ruaraidh Rothach.