Dealbhan-balla Steòrnabhaigh gan ùrachadh is feadhainn ùra gan cruthachadh

A' chiad dealbh-balla a rinn an neach-ealain Iain Brady agus a chaidh suas ann an 1997
- Air fhoillseachadh
Thòisich obair airson dealbhan-balla ùra a chur suas ann an Steòrnabhagh a bhios mar phàirt de shlighe ealain.
Tha 27 bliadhna ann on chaidh a' chiad phìos-ealain a chur ri balla ann an Ceàrnag Phearsabhail, air a chruthachadh leis an neach-ealain Iain Brady.
Bha e air farpais a bhuannachadh airson obair-ealain a chruthachadh a bhiodh a' samhlachadh cultair agus dòigh-beatha na sgìre.
Thuirt e: "'S e àite air leth a th' ann an Steòrnabhagh, agus ma 's urrainn dha na dealbhan-balla sin a thoirt am follais ar leam nach eil sin ach a chùm math a' bhaile."

Tha an neach-ealain, Chris Rutterford, ag ùrachadh nan seann phìosan-ealain aig Iain Brady
Chaidh an obair aige a thoirt a-nuas agus iad feumach air glanadh agus ùrachadh.
'S e Chris Rutterford an neach-ealain a tha ris an obair ann an stiùidio am meadhan a' bhaile a tha fosgailte dhan phoball.
Thuirt e: "Tha rudan annasach na bhroinn. Tha taigh-croite ann agus tha e air mòine thioram a chur foidhpe.
"Tha mi a' càradh nan cumaidhean agus a' cur peanta ùir orra ach bidh iad mar a bha iad," mhìnich e.

Faodaidh am poball a dhol a-steach dhan stiùidio aig Chris Rutterford far a bheil e ag obair air na dealbhan-balla
Tha plana ann airson obraichean-ealain ùra a thèid a chur ri ballachan air feadh a' bhaile far a bheil eachdraidh an togalaich a' tighinn a rèir na h-ìomhaigh a bhios ann.
'S e Maoin Crannchuir nan Eilean Siar a th' air cùlaibh a' phròiseict.
Thuirt Janet NicPhàdraig bhon bhuidhinn: "'S e annas a bharrachd do luchd-turais a bhios ann an cuairt nan dealbhan-balla.
"Ma tha ballachan togarrach agus dathteach ann chan eil rian nach e rud math a bhios ann dhan bhaile," thuirt i.

Seo am plana a th' ann airson aon tulchann togalaich sa bhaile a bhios air an t-slighe ealain ùr
Bidh Chris Rutterford a' dèanamh obair mar seo am bailtean air feadh Alba.
Thuirt e: "Faodaidh meadhan bhailtean a bhith mar fhàsach.
"Tha mi a' feuchainn ri rudeigin a chruthachadh a bhuineas dhaibh fhèin agus a tha a' toirt orra cuimhneachadh cò iad.
"Mar a' chiad cheum, tha sinn a' coimhead air port sgadain ri seann bhalla an uisge-bheatha.
"Agus an uair sin, bidh ballachan eile ann le sgeulachdan eile ceangailte riutha.
"Bidh sin a' cruthachadh nàdar de shlighe ealain," thuirt e.
Tha dùil gun tèid na seann obraichean-ealain a rinn Iain Brady an sgeadachadh às ùr agus a chur air ais far an robh iad air togalaichean Steòrnabhaigh aig toiseach a' Chèitein.
