Naidheachdan 11:00

Inimrichean

Chaidh an dàrna in-imriche mì-laghail, fireannach à Eritrea, a thilleadh dhan Fhraing sa mhadainn an-diugh an dèidh dhan Àrd-chùirt riaghladh na aghaidh a-raoir. Fon aonta sin, bidh cead 'son gach duine a thilleas dhan Fhraing aig in-imriche eile nach do dh'fheuch ri tighinn an-seo gu mì-laghail, tighinn às an Fhraing dhan Rìoghachd Aonaichte agus comraich iarraidh.

Neo-fhulangas

Thuirt an t-seann Phrìomh Mhinistear, Humza Yousaf, gu bheil neo-fhulangas a' sìor fhàs nas miosa ann an Alba agus gu bheil puinnsean mu in-imreachas a' gluasad tuath à Sasainn. Thuirt e nach eil Holyrood a' dèiligeadh ris na cùisean sin. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil in-imreachas riatanach 'son glèidheadh sluaigh agus 'son obraichean a lìonadh. Tha iomairtean air a bhith ann bho chionn ghoirid an aghaidh thaighean-òsta sa bheil luchd-siridh comraich agus tha sgrùdadh a rinn am buidheann Poileasidh In-imreachais Alba, ag ràdh gu bhel taic 'son smachd air in-imreachas a' sìor èirigh.

Fear sa chùirt

Tha dùil ri fear, 53, aig Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis an-diugh fo chasaid gun do dh'fheuch e ri duine a mhurt sa bhaile. Chaidh fear, 21, fhaighin air a dhroch leòn air Sràid Telford madainn na Sàbaid seo chaidh an dèidh tachartas air Sràid Madras. Tha esan san ospadal fhathast.

Trioblaidean Èirinn a Tuath

Cuiridh Riaghaltas Bhreatainn agus na h-Èireann an ainm ri aonta ùr mu rannsachadh nam marbhaidhean aig àm nan trioblaidean ann an Èirinn a Tuath. Bheir an t-aonta sin ath-leasachadh air a' choimisean a tha a' rannsachadh na thachair fad 30 bliadhna nan trioblaidean.

FtMG Ghlaschu

Thuirt Neach-gairm Foghlaim Comhairle Bhaile Ghlaschu nach deach, cho fad 's is aithne dhi-se, an càirdeas le pàrantan Gàidhlig bhuaithe. Thuirt aon phàrant gu bheil an càirdeas air a dhol fuar 's dragh oirre gu bheil lùghdachadh san àireamh chloinne a' tòiseachadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus teagamh mu làrach do sgoil ùir a tha a dhìth airson rùm a dhèanamh ann an Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Thuirt Neach-gairm an Fhoghlaim, Christina Cannon, gu bheil i a' coinneachadh ri pàrantan agus nach cuala ise gu bheil dragh orra.