Iomairt airson uaigh Sheasaidh NicLachlainn a chàradh
Thòisich iomairt an t-seachdain seo gus clach-uaigh an t-seinneadair Gaidhlig Seasaidh NicLachlainn - a bh'aig aon àm aithnichte air feadh an t-saoghail - a chàradh.
Tha còrr is ceud bliadhna ann bho bhàsaich Seasaidh NicLachlainn, a bhuineadh dhan Òban agus a sheinn aig a' chiad Mhòd sa bhaile sin ann an 1892.
Chaidh a tiodhlaigeadh ann an cladh Chathcart ann an Glaschu.
Seo Andreas Wolff.