An MV Arrow a' tòiseachadh air seirbheis bathair Steòrnabhaigh
Tha Còmhdhail Alba air soitheach eile fhaighinn air iasad son na slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul.
Tha an MV Arrow gu bhith a' giùlain bathair eadar an dà phort gus leigeil leis an Loch Seaforth seòlaidhean a bharrachd a dhèanamh do luchd-siubhail gach Diluain is Dihaoine 'son na sia seachdainnean ri thighinn.
Seo Dòmhnall MacLaomainn.