MV Arrow do lìonra Chal Mac rè ùine

Tha am bàta bathair an MV Arrow gu bhith air fhastadh rè ùine le CalMac airson cuideachadh le seirbheisean-aiseig fhad 's a tha obair a' dol air adhart air Cidhe Ùige san Eilean Sgitheanach tràth an ath-bhliadhn'.

Cha deach innse fhathast dè an t-slighe air am bi i - ach tha beachd ann gur dòcha gun teid a cur eadar Steòrnabhagh agus Ulapul leis gum bi barrachd uallaich air an Loch Seaforth ri linn nach bi seirbheis às na Hearadh.

Tha dùil gun tèid an Arrow fhastadh a-rithist às t-fhoghar nuair a thèid tuilleadh obrach a dhèanamh air cidhe Ùige.

Tha an aithris seo aig an fhear-naidheachd phoileataigeach againn, Mìcheal MacNèill.