Fearg mu sgìrean HPMA
'S e coimhearsnachdan a bu chòir a bhith a' riaghladh sgìrean mara seach luchd-poileataigs.
Tha sin a rèir an rùnaire aig Comann Iasgairean nan Eilean Siar agus Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh air sgìrean glèidhte le dìon àrd aig muir a stèidheachadh mu thimcheall nan eilean.
Tha na trì comhairlean coimhearsnachd anns na Hearadh ag ràdh gun dèanadh an leithid cron uabhasach air na h-eileanan agus gum bu chòir cur às dhiubh.
Agus thuirt ceannardan iasgaich gun toireadh seo lùghdachadh de 10% air na raointean iasgaich aca. Seo Ruairidh Rothach: