Foghlam Gàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear

Thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear an t-seachdain seo.

Tha dithis chloinne air tòiseachadh air clas a h-aon san aonad ann am Bun-sgoil Thornliebank - ach tha an t-ùghdarras ionadail an dòchas gun tig leudachadh air 's iad ag ràdh gum biodh àite ann 'son 50 sgoilear san ùine ri thighinn.

Tha an aithris seo aig Annabel NicIllinnein.