Cladh Thobha Mòr "luachmhor 'son na dùthcha air fad"

- Air fhoillseachadh
Tha togalaichean eachdraidheil ann an Cladh Thobha Mòr an Uibhist a Deas air am meas mar chuid den fheadhainn as cudromaiche an Alba air fad.
Am measg na tha ann tha teampall agus caibealan, le cuid dhiubh a' dol air ais chun an 9mh Linn.
Tha Tòmas MacDhòmhnaill à Tobha Mòr air fear dhen fheadhainn a thòisich iomairt airson an glèidheadh.
Thuirt e: "Tha iad luachmhor airson na dùthcha air fad. 'S e tè de na làraichean as cudromaiche sna h-Eileanan, gu h-àraidh ann an Uibhist a Deas.
"Bidh i air an aon inbhe le Teampall na Trianaid (an Uibhist a Tuath) agus 's dòcha nas sine."

Tha Tommy MacDhòmhnaill a bhuineas do Thobha Mòr airson an làrach a dhìon
Mhìnich an t-arceòlaiche, An Dtr Ceit NicDhòmhnaill, gur e manachainn a chaidh a stèidheachadh ann an toiseach bho chionn còrr is 1,000 bliadhna.
"Tha tobhtaichean againn de mhanachainnean bhon linn 'ud ann an sgìrean eile an Alba ach chan eil air fhàgail dhiubh ach bun-stèidh nan togalaichean, chan fhaighear a-mach na bha ann ach le bhith a' cladhach.
"An seo, tha pìosan de na togalaichean a bh' ann bho thùs fhathast nan seasamh suas gu ìre mullaich, rud a tha mìorbhaileach."

An t-arceòlaiche an Dtr Ceit Dhòmhnallach
Tha grunn chaibealan air an làraich cho math ri aon cheann de theampall fhathast.
"Tha an caibeal sin a' dol air ais chun an 8mh Linn, agus fear eile an seo agus clach-uaghach mun aon aois," thuirt Tòmas MacDhòmhnaill.
"Chan eil ann ach o chionn bliadhnaichean a thuig na h-arceòlaichean gun robh an làrach seo cho sean."
A reir beul-aithris tha Teampall Mòr no Moire, Caibeal Cholm Chille agus Caibeal Chlann 'icAilein am measg nan togalaichean aig a bheil lorgan ann fhathast.

Uaigh saighdeir on Chiad Chogadh Mhòr.
Ach tha dragh gu bheil na seann thogalaichean ann an cunnart bho bhuaidh na h-aimsire, barrachd dhaoine a' tadhal ann agus crodh is caoraich gan tachais fhèin air na ballachan.
Tha An Dtr Dhòmhnallach ag ràdh gu bheil i a' faicinn atharrachaidh a h-uile turas a thadhalas i ann.
"Tha e gu math cugallach. Tha cunnart daonnan ann gu bheil an tulchann mòr seo a' dol a thuiteam.
"Tha meatairean de dh'àirde ann agus tha pìosan dheth a tha a' cromadh."
Thug i rabhadh seachad: "Falbhaidh e fhathast. Tha e gu math lag agus tha e feumach air dìon."

Balla a' crìonadh
Tha buidheann arc-eòlais Uibhist a-nis an dòchas iomairt a chur air bhonn gus dìon a chur air an làraich.
Thuirt an Dtr Dhòmhnallach gum feumar cead bho Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba mus dèanar càil.
"Dh'fhaodadh cuid den obair a dhèanamh gu h-ionadail, smachd a chumail air stoc agus bòrd fiosrachaidh nas fheàrr a chur ann gus innse do dhaoine na tha ann agus carson a tha e cho cudromach agus cho cugallach," thuirt i.
'S e an ath cheum taic na buidhne nàiseanta fhaighinn airson dìon a chur air na togalaichean aosta agus am maoineachadh a bhios a dhìth airson na h-obrach sin fhaighinn.