Teine fiadhaich faisg air Inbhir Nis agus Alba fo 'chunnart mòr'

Tha luchd-smàlaidh a' dèiligeadh ris an teine air monadh faisg air Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Tha teine monaidh a' dol faisg air Inbhir Nis.
Thòisich e aig 10:15m an-diugh sa mhadainn agus dh'adbharaich e gun deach gach slighe den B861 eadar Inbhir Nis agus Inbhir Fheàrnaidh a dhùnadh.
Tha feur air làraich mu 300 meatair a leud agus 500 meatair a dh'fhaide a' losgadh, agus tha luath a' sgapadh grunn mhìltean air a' ghaoithe, cho fada ri meadhan baile Inbhir Nis.
Tha sia carbadan-smàlaidh aig an làraich.
Thug Seirbheis Smàlaidh na h-Alba aig toiseach na seachdain seo rabhadh gum biodh cunnart mòr ann gum biodh teintean fiadhaich ann Dihaoine.

Tha an rathad eadar Inbhir Nis agus Inbhir Fheàrnaidh dùinte air sgàth an teine