River City: "Tha solas a' dol a-mach"

River CityTùs an deilbh, BBC Studios
  • Air fhoillseachadh

Thuirt an cleasaiche is stiùiriche Tony Kearney gur e call mòr a th' ann gu bheil am prògram River City gus stad is gur e "cas a-steach" dha gnìomhachas an telebhisein a bh' ann do mhòran.

Dhearbh BBC Scotland an t-seachdain seo gun tig River City gu ceann as t-fhoghar 2026.

Thòisich am prògram bho thùs ann an 2002.

Tha am BBC ag ràdh gu bheil fiosrachadh a' sealltainn gu bheil ùidh nas motha a-nise aig luchd-amhairc ann an sreathan nas giorra seach feadhainn a tha a' ruith thairis air ùine nas fhaide.

Thuirt iad gun tèid an t-airgead a tha iad a' cosg air dràma an-àirde thairis air an ath thrì bliadhna le fòcas air "prògraman aig fìor àrd-ìre" as urrainn dhaibh reic gu h-eadar-nàiseanta.

Tha seo a' tighinn às dèidh do BBC ALBA an t-sreath An t-Eilean a dhèanamh leis an amas a reic ri dùthchannan eile.

Ach tha Mgr Kearney, a bha grunn bhliadhnaichean na chleasaiche ann an River City, ag ràdh gum bi mòran ga chaoidh mar phrògram agus na cothroman a bha na chois.

Fo-thiotal a’ bhidio,

"Tha mi a' creidsinn gun robh na deòir a' sruthadh oir tha an fheadhainn a tha siud - chan e a-mhàin na cleasaichean ach an fheadhainn air cùlaibh a' chamara - tha e air a bhith a' cumail beatha ri deagh chòrr de dhaoine san 20 bliadhna mu dheireadh.

"Dha na cleasaichean tha mi a' creidsinn gum faigh iadsan obraichean eile ach dhan fheadhainn air cùlaibh a' chamara, na sgrìobhaidearan, na riochdairean, na stiùirichean, sìos dha na glanadairean is an fheadhainn sa chanteen, siud a' bheatha a tha air a bhith aca is tha e a' dol a dh'fhalbh

"Tha solas a' dol a-mach is tha caibideal a' tighinn gu crìoch."

A thuilleadh air an fheadhainn a tha ag obair air River City an-dràsta, tha dragh air Mgr Kearney cuideachd mu na tha seo a' ciallachadh do dhaoine a tha 'son a bhith ag obair sa ghnìomhachas ann an iomadh diofar dreuchd.

Tha ceist air am bi cothroman ann do dhaoine a-nise seach mar a bha.

"'S e cas a-steach dhan ghnìomhachas a bh' ann an River City, dràma leantainneach far an robh daoine a' faighinn cothroman a bhith ag ionnsachadh fhad 's a bha iad ga dhèanamh.

River CityTùs an deilbh, BBC Studios

"Sin an t-eagal a th' ormsa a-nise, cà bheil na daoine sin a' dol a dh'fhaighinn nan cothroman sin?

"Chan eil dràma leantainneach ann an Alba tuilleadh, chan eil i ann an Gàidhlig nas motha.

"Carson nach urrainn dràma leantainneach a bhith againn agus na sreathan a bhios a' dol a-mach air feadh na Rìoghachd?

"'S e dìth airgid a th' ann agus gnothach riaghaltais," thuirt e.

Thuirt stiùiriche BBC Scotland, Hayley Valentine, gu bheil sgioba River City air obair air leth a dhèanamh is gu bheil fios aice gu bheil planaichean mòra aca 'son na bliadhna mu dheireadh.

Thuirt i ge-tà, gu bheil cleasan luchd-amhairc air atharrachadh is gur e seo an t-àm ceart airgead a chosg air sreathan dràma "le buaidh mhòr".