Strì an aghaidh chrainn-gaoithe a chìte bho mhullach Chnoc Fhaoighris

Carragh FhaoighrisTùs an deilbh, JULIAN PAREN/GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,

'S e tobhta fuadain a th' ann ann Carragh Fhaoighris a thogadh sna 1780an

  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-iomairt ag ràdh gum milleadh tuath-gaoithe a tha san amharc seallaidhean bho aon de na làraichean as ainmeile air a' Ghàidhealtachd.

'S e tobhta fuadain (folly) air mullach Cnoc Fhaoighris le seallaidhean air Caolas Chromba.

Tha a' chompanaidh cumhachd ath-nuadhachail RWE a' moladh suas ri 20 crann a thogail air tìr beagan iar-thuath air an làraich.

Tha a' bhuidheann Save Fyrish ag ràdh gum biodh droch bhuaidh aige air na seallaidhean.

Thuirt RWE gu bheil am pròiseact Tuath Gaoithe Ceislein, a tha faisg air Tuath Gaoithe Novar 2 aca, aig ìre gu math tràth fhathast.

Carragh FhaoighrisTùs an deilbh, Getty Images

Tha mòran a' dol a choiseachd air Cnoc Fhaoighris, cuairt a tha a' toirt eadar dhà agus trì uairean de thìde.

Thuirt an neach-iomairt Sheila Chaimbeul-Lloyd: "Tha meas mòr aig an dà chuid luchd-còmhnaidh agus luchd-tadhail air Carragh Fhaoighris.

"Bhon mhullach chìthear seallaidhean gun bhriseadh bhon a h-uile taobh.

"Chan eil sinn an aghaidh cumhachd ath-nuadhachail - tha sia ionadan-stòraidh airson cumhachd bhataraidhean gan togail sa sgìre."

Thuirt RWE gun do thuig iad cho cudromach 's a bha a' charragh don choimhearsnachd agus gun robh iad ag obair le luchd-dealbhachaidh gus nach biodh an tuath-gaoithe cho faicsinneach.

"Tha sinn airson agus gun obraich sinn còmhla ri muinntir na sgìre airson dealbh deireannach a bhith againn, agus tha sin a' cur suim sna beachdan a fhuair sinn aig a' chiad choinneamh phoblach a chaidh a chumail san Lùnastal."

Thuirt RWE gum biodh am plana ùr aca deiseil as t-earrach.