Binn prìosain air tè a dhragh oifigearan poilis sìos rathad leis a' chàr aice

Dealbh dash-cam a' sealltainn càr a' dèanamh às agus a' slaodadh dithis oifigearan poilis leis Tùs an deilbh, POILEAS ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Chuala cùirt gun tàinig maoim air Lauren Baird mus do dhràibh i air falbh

  • Air fhoillseachadh

Chaidh dràibhear a shlaod dithis ofigearan poilis leis a' chàr aice air rathad faisg air an Aghaidh Mhòir a chur dhan phrìosan airson 18 mìosan.

Bha oifigear boireann agus oifigear fireann air stad a chur air a' charbad aig Lauren Baird, 43, à Obair Dheathain, air an 10mh den Iuchar 2023 air an B9152 eadar Ceann na Creige agus Ràt Mhurchais.

Bha iad ga ceasnachadh mu carson nach robh àrachas aig a' chàr aice nuair "a thàinig maoim" oirre agus dhràibh i air falbh.

Chuala Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis gun do theab na h-oifigearan a dhol fo na cuibhlichean nuair a rinn i às aig astar leis an dithis fhathast le grèim air a' chàr.

Bha Baird, aig a bheil dithis chloinne, air aideachadh roimhe casaid de ghiùlan mì-chùramach a chuir beatha nan oifigearan ann an cunnart.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Dealbhan dashcam den tachartas

Dh'aidich i cuideachd gun do dh'fheuch i ri bacadh a chur air ceartas le bhith a' toirt seachad fiosrachaidh bhrèige dha na poilis, agus nach robh àrachas neo cead-dràibhidh aice.

Dh'fhàg an Siorram Sara NicMhathain air Baird gun robh i ri 'dol a-mach uabhasach' agus gun robh i fortanach nach deach na h-oifigearan a ghoirteachadh na bu mhiosa.

Chaidh an toirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis far an d' fhuair iad leigheas airson gearraidhean, patan, agus gùin agus corrag ghoirt.

B' fheudar an t-oifigear boireann feum a chur air crasgan.

Dh'innis an neach-lagha aig Baird, Natalie Paterson, dhan chùirt gun robh aithreachas mòr oirre airson na rinn i.

Chaidh casg dràibhidh 43 mìosan air Baird nuair a nochd i sa chùirt agus e follaiseach gun robh i troimhe-chèile.

Chuir Poileas Alba fàilte air an dìteadh an dèidh don bhinn a bhith air a toirt seachad.

Thuirt an Superintendent Anndra Barclay: "Tha an giùlan cunnartach aice air buaidh mhòr a thoirt air na h-oifigearan a bha an sàs sa chùis seo ged nach deach an droch leòn.

"Tha obair oifigeir poilis a' fàgail gum faod iad tric a bhith ann an suidheachadh a tha cunnartach nuair a tha iad a' feuchainn ri coimhearsnachdan a dhìon.

"Cha bu chòir idir gabhail ri suidheachadh far a bheil iad ann an cunnart neo far an tèid an goirteachadh ri linn dol a-mach mì-chùramach dhaoine eile.

"Thig sinn cruaidh air daoine a chuireas beatha oifigeir ann an cunnart a dh'aona-ghnothach, mar a tha binn an là an-diugh a' dearbhadh."