An Alfred gu bhith air slighean Ùige

MV Alfred Tùs an deilbh, PENTLAND FERRIES
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an MV Alfred air iasad aig CalMac bho Pentland Ferries

  • Air fhoillseachadh

Thèid an catamaran an MV Alfred a chur air slighe Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh deireadh an Ògmhios.

Seo agus an MV Hebrides a' dol a Steòrnabhagh far an tèid sgrùdadh a dhèanamh air doras a' chinn-toisich aice.

Tòisichidh an obair sin Diluain an 30mh là den Ògmhios, agus bidh i ann an Steòrnabhagh chun an 3mh là den Iuchar.

Bidh clàr-ama sealadach an sàs air slighean Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh fhad 's a bhios an MV Alfred a' gabhail àite an Hebrides.

Dh'innis CalMac gun tèid fiosrachadh mun chlàr-ama sin fhoillseachadh cho luath 's a ghabhas.

Dhearbh CalMac nas tràithe an t-seachdain seo gum bi an MV Alfred a' fuireach san lìonra fad co-dhiù còig mìosan eile is a' chompanaidh air an t-aonta le Pentland Ferries a leudachadh gu deireadh na Dàmhair.

Ghabh CalMac an Alfred air màl an toiseach sa Mhàrt 2023.

Tha an Alfred an-dràsta air an t-slighe eadar An Truthail is Eilean Arainn còmhla ris an Glen Sannox.

Thuirt CalMac gum fuirich i air an t-slighe sin gu Diciadain an 11mh den Ògmhios.

Tha iad an dùil gun till an MV Caledonian Isles gu seirbheis eadar Arainn is Àird Rosain an uairsin air an 12na den mhìos.