Levi Heron: "Tha an gnothach bonkers!"

Levi Heron
  • Air fhoillseachadh

'S docha gu bheil sibh air cluinntinn mu dheidhinn Levi Heron - balach à Leòdhas a th' air fàs ainmeil an dèidh mar a sgap òran a rinn e gu mòr air soundcloud is TikTok.

Tha e a-niste air a shoidhneadh le Sony is an t-òran aig àireamh 34 sna clàran aig meadhan na seachdain san Rìoghachd Aonaichte an-dràsta - le a shùilean air àireamh a h-aon!

Chuir e a bhlas fhèin - 'Cèil-tech' mar a chanas e ris - Ceòl Cèilidh agus Techno le chèile - ri òran leis a' chòmhlan Albannach Beluga Lagoon - The Glen - a bha a mhàthair Shona 'son gun dèanadh e dha colà-breith.

Ann am priobadh na sùla thug sin cruth-atharrachadh agus crathadh air a shaoghal - cho mòr 's nach creideadh e na th' air tachairt.

A-nis tha na milleannan air feadh an t-saoghail ag èisteachd ris an òran aige - agus tha Levi air a dhreuchd ann an gnìomhachas àrach èisg fhàgail is e a-nis a' gluasad gu bhith a' dèanamh ciùil làn-ùine.

"Thèid mi làn-ùine ri seo ach an greimich mi air a h-uile càil fhad 's a tha cothrom agam," thuirt Levi.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Thòisich luchd-èisteachd agus na companaidhean clàraidh air ùidh a ghabhail san òran an dèidh do Levi bhideo beag a chur air TikTok.

"Sgaoil balach eile e air TikTok 's chaidh e craicte air a' chunntas aige.

"Thòisich a h-uile duine a' tighinn dhan chunntas agamsa 's fhuair e na milleanan mòra sheallaidhean ann an dà sheachdain.

Chuir e air YouTube e agus tha e a-nis air mu 4,000,000 cluiche fhaighinn.

"Bha companaidhean clàraidh a' cur fòn thugam às gach àirde fad seachdainean.

"B' fheudar dhomh manaidsear fhaighinn - Luke Crellin aig Facemelter Raves - 's tha e fhèin air a bhith ga làimhseachadh dhomh 'son a' bheagan sheachdainean mu dheireadh.

"Chaidh againn air a shoidhneadh le Robots and Humans aig Sony - tha an gnothach bonkers!"

Cha ghabh am post TikTok seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air TikTok
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth TikTok.
Leum thairis air bhideo tiktok le Levi Heron

Cead do stuth TikTok?

Tha stuth TikTok an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth TikTok.
Deireadh bhideo tiktok le Levi Heron

Tha e ag obair air stiùdio clàraidh a dhèanamh an-àirde faisg air an taigh aige agus gu leòr òran aige deiseil - is e a' co-obrachadh le còmhlain ainmeil an Alba nam measg sin.

"Ann an clàran meadhan na seachdain tha e aig àireamh 34 ann am Prìomh 40 Oifigeil na RA," thuirt Levi.

"Tha mi aig àireamh 3 anns a' Big Top Forty aig Capital and Heart. Tha mi air a bhith aig àireamh 1 air soundcloud airson nan ochd seachdainean mu dheireadh.

"Tha mi a' feuchainn ri cumail ri blas Albannach, 's tha tracaichean agam a' tighinn a-mach le leithid TideLines, agus cuideachd tha stuth agam fhèin a tha a' tighinn a-mach le bocsa-ciùil 's fidhlean."

Ged a tha ultach de chuirmean aig Levi air a' chlàr-ama sna mìosan ri thighinn a-nis air feadh na Rìoghachd, ann an Èirinn agus fiù 's san Spàinn - tha e gu mòr a' coimhead air adhart ri fear san Sea Angling ann an Steòrnabhagh san Lùnastal far a bheil e an dòchas gu bi sluàgh mòr bho dhachaigh ann.

Levi ag obair