Cuairt carthannais gu mullach na beinne as àirde sna h-Eileanan Siar

Aaron air mullach a' ChliseimTùs an deilbh, DEALBH TEAGHLAICH
  • Air fhoillseachadh

Tha balach-sgoile air còrr is mìle not a thogail airson clann eile sna h-eileanan a chuideachadh an dèidh a chur roimhe an Cliseam a shreap.

An dèidh dhaibh ionnsachadh mu charthannas am Bun-sgoil Steòrnabhaigh, bha Aaron, 9, a' miannachadh airgead a thogail dhan sgoil fhèin agus dhan ospadal.

B' e an iomairt aige faighinn gu mullach na beinne as àirde sna h-Eileanan an Iar, An Cliseam sna Hearadh, a tha 799 meatairean de dh'àirde.

Air là brèagha aig toiseach a' Chèitein dh'fhalbh e còmhla ri athair agus a mhàthair agus an cù aca, Buzz.

Cha tug e ach beagan nas lugha na dà uair de thìde faighinn chun a' mhullaich.

Aaron a' toirt seachad seic gu luchd-obrach NHS nan Eilean Siar Tùs an deilbh, NHS NAN EILEAN SIAR
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Aaron airson airgead a thogail gus am biodh cur-seachad ùine aig cloinn a tha bochd san ospadal

Thog e £1,200 uile gu lèir. Fhuair Bun-sgoil Steòrnabhaigh £800 airson 'Pinn-C' a cheannach, innealan a tha a' cuideachadh chloinne air a bheil Dyslexia le bhith a' leughadh agus ag aithris teacsa dhaibh.

Tha £400 a' dol gu Ospadal nan Eilean airson dà thablaid do chloinn a cheannach.

Thuirt Aaron: "Bha mi airson rudeigin a thoirt do chloinn a dh'fheumas a bhith san ospadal a nì iad gus nach bi iad air an sàrachadh."

Thuirt Àrd-Oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson: "Tha sinn air leth taingeil do dh'Aaron airson tiodhlac cho fialaidh a thoirt dhuinn.

"S math a rinn Aaron airson an iomairt seo a dhèanamh agus mar a rinn e cho luath e!"