'Rocaidean Gu Leòr' - strì an t-sagairt is an t-sluaigh

Bha dragh air Maighstir Iain MacGilleMhoire mun bhuaidh a bhiodh air raon nan rocaidean air creideamh am measg eile
- Air fhoillseachadh
Bidh 70 bliadhna ann air an 27mh den Iuchar am-bliadhna on dh'ainmich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun robh iad airson raon rocaidean a stèidheachadh ann an Uibhist a Deas.
Bha an làrach trèanaidh a dhìth, thuirt ministearan, airson an Rìoghachd Aonaichte a dhìon, agus an Cogadh Fuar eadar a' Phoblachd Shòisealach Shobhietach agus dùthchannan an iar aig àirde.
Chuir cuid de dh'eileanaich fàilte air an arm agus air na cothroman cosnaidh a thigeadh an cois an leasachaidh.
Bha dragh air feadhainn eile mu mheud a' phròiseict agus mu chall talamh croite.
'S e an call a dh'fhaodadh a bhith air creideamh, cànan agus cultar mhuinntir Uibhist a bu mhotha a bha a' cur air cuid eile.

Maighstir Iain MacGilleMhoire a bha os cionn iomairt an aghaidh stèidheachadh an raoin
Ged a bha e air a shon an toiseach, bha an sagart Uibhisteach, Maighstir Iain MacGilleMhoire, os cionn iomairt eadar-nàiseanta an aghaidh nan "Rocketeers", mar a thuirt e fhèin.
Bha e airson an teachdaireachd a sgaoileadh gur e saoghal air leth a bh' ann an Uibhist a Deas agus am measg na rinn e an toiseach 's e grunn naomh-chobhanan a chur suas.

Tha rannsachadh ùr a rinn Niall Bruce, "An sagart, na Croitearan agus Raon nan Rocaidean an Uibhist", ag ràdh gun robh mar a chaidh an riaghaltas timcheall a' ghnothaich connspaideach
"Cha robh co-chomhairleachadh ann, rinn iad co-dhùnadh agus an uair sin b' fheudar dhaibh dèiligeadh ris a' bhuaidh a bh' aige sin," mhìnich Mgr Bruce.

Maighstir Mìcheal Dòmhnallach a thug taic dhan rannsachadh ùr mu eachdraidh an raoin rocaid
Chuidich sagart Àrd Choinnich an-diugh, Maighstir Micheal Dòmhnallach, leis an rannsachadh, agus thug e iomradh air cho mòr agus a bha an leasachadh a bha san amharc aig Ministearachd an Dìon aig toiseach gnothaich.
"Tha thu a' bruidhinn air a h-uile croitear eadar Solas aig tuath agus Bòrnais aig deas a chur às an cuid fearainn," thuirt Maightstir Mìcheal.
An lùib nam planaichean bha baile a thogail an Àird na Monadh airson còrr is 800 saighdear, 300 bean agus teaghlaichean.
'Father Rocket'
Cha robh an sin ach cuibhreann de na mìlltean dhaoine a' buntainn ris an raon rocaid ris an robh dùil a thigeadh a dh'Uibhist.
Thog Maighstir Iain MacGilleMhoire a ghuth na aghaidh; choisinn sin dha am far-ainm 'Father Rocket'.
Thuirt Maighstir Mìcheal: "Tha mi a' smaoineachadh gun robh e den bheachd gun rachadh an creideamh a mhùchadh, agus gun rachadh cultar na Gàidhlig a mhùchadh.
"Tha thu a' bruidhinn cuideachd air urchairean niuclasach, agus 's e teicneòlas a bh' ann aig an àm air an robh deuchainnean gan dèanamh an seo.
"Cha robh e air a dhearbhadh," thuirt e

A' chiad adhradh a chumadh aig ìomhaigh Moire ro Naomh nan Eilean, a chaidh na samhla air strì na daoine an aghaidh raon nan rocaidean
Cha robh Maighstir Iain leis fhèin. Bha dragh air A' Chomunn Ghàidhealach, mar eisimpleir, mun bhuaidh a bhiodh aig clann le Beurla a-mhàin air Gàidhlig an co-aoisean.
Rinn iris Eaglais na h-Alba, Life and Work, càineadh air àrdan Whitehall leis nach do bhruidhinn iad ri eileanaich mus do rinn iad co-dhùnadh.
Gu dearbha, bha Pròstanaich am measg na chuir taic ri pròiseact ìomhaigh sa bheil 30 troigh de dh'àirde de Mhoire Òigh a thogail a chaidh a choimiseanadh goirid an dèidh do Mhinistearachd an Dìon planaichean airson an raoin rocaid fhoillseachadh.
Chaidh ìomhaigh Moire ro Naomh nan Eilean Siar na samhla air strì an t-sagairt agus an t-sluaigh an aghaidh an leasachaidh.

Ionad ràdar, co-cheangailte ri raon nan rocaidean, aig mullach Ruabhail faisg air ìomhaigh Moire ro Naomh nan Eilean Siar
Tha clàraidhean Hansard a' sealltainn gun do chuir BP Làbarach nan Eilean Siar, Calum Mac a' Mhaoilein, iomadh ceist air an riaghaltas sna Cumantan.
Bha e a' ceasnachadh mar a roghnaich ministearan làrach Uibhist a Deas agus, "whether he (the minister) has considered the objections of many local people and others to the project?".
Bhrosnaich an iomairt Bàrd Phàislig, Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir, gu bàrdachd le Òran nan Rocaidean, taobh a-muigh.
Sgrìobh ùghdar Whisky Galore, Compton MacCoinnich, leabhar stèidhichte air iomairt nan eileanach.
Ann an Rockets Galore shoirbhich leotha, ach cha do chuir muinntir Uibhist stad air planaichean an riaghaltais.

Tha Eàirdsidh MacIllEathainn den bheachd gun do rinn raon nan rocaidean feum mòr do dh'eaconamaidh na sgìre
Nuair a thòisich an obair deiseileachaidh an 1957 mu choinneamh nam planaichean mòra a chur an sàs, bha Eàirdsidh MacIllEathain na dheugaire.
Fhuair e preantasachd saoirsinneachd ach thàinig sin gu crìch nuair a chaidh na planaichean a ghearradh gu mòr ann an 1958 agus cion airgid air an riaghaltas.
A dh'aindeoin sin, chaidh Raon Rocaid Innse Gall a stèidheachadh air a' mhachair ann an Gèirnis an Iar ann an 1958, le làraichean co-cheangailte ris ann am Beinn na Faoghla, Uibhist a Tuath, Uibhist a Deas agus Hiort.
Mu dheireadh thall, bha Eàirdsidh ag obair ann airson 24 bliadhna mus do leig e seachad a dhreuchd.
Thuirt e: "Mura b' e gun tàinig obair na rocaid an seo cha bhiodh ann ach àite bochd, Highland Clearances. Dè bha iad a' dol a dhèanamh?
"Cha bhiodh na companaidhean mòra ann an-diugh mura a b' e raon na rocaid.
"Seall na tha de thaighean brèagha ùra ann, agus tha iad fhathast gan togail."

Chaidh Ceit Dhòmhnallach a thogail ann an Gèirnis an Iar agus bha i mu 11 bliadhna a dh'aois nuair a thàinig luchd an airm.
Tha cuimhne aice air "takeover air a' mhachair", air fuaim nan carbadan mòra aca air an oidhche agus air daoine "a' dol mun cuairt le na gunnaichean aca a' cumail sùil air a h-uile sian".
Cha robh muinntir an àite ga iarraidh, tha i ag ràdh.
"Bha seann duine ann agus chaidh e gu ceann shìos an rathaid agus sheas e le gunna latha agus e a' feuchainn ri toirt orra tilleadh air ais," thuirt Ceit.
Ach tha i ag ràdh "gun do dh'fhàs na daoine na bu mheasaile air a' ghnothach" nuair a fhuair a chuid a bu motha de dh'fhir a' bhaile obair ann, a h-athair agus a bràithrean nam measg.
"Bha am pàigheadh na b' fheàrr na bha an àitean eile agus b' urrainn do dhaoine rudan fhaighinn nach b' urrainn dhaibh roimhe."

'S e a' chompanaidh teicneòlais dìon, QinetiQ, a tha an-diugh a' ruith raon nan rocaidean, ged nach eil an àireamh a tha a' faighinn cosnaidh ann cho àrd is a bha e.
Tha ceannard Raon Innse Gall, Ailean MacSuain, ag ràdh gur e àite fìor chudromach a th' ann airson dìon na Rìoghachd.
"Tha na h-eacarsaichean a tha a' tachairt air an raon, mar Formidable Shield, a' tòirt trèanaidh don Rìoghachd Aonaichte ach cuideachd do dh'fheachdan armaichte eadar-nàiseanta.
"Tha cliù againn mar aon de na priòmh làraichean de a leithid san t-saoghal air fad."
Èist ri aithris ar tè-naidheachd ann an Uibhist, Shona NicDhòmhnaill, mu eachdraidh Raon Rocaid Innse Gall
Bha mì-thoileachas an Uibhist nuair a chualas gun robh an raon ann an cunnart dùnadh cleas mar a bha nuair a chaidh fhosgladh ann an 1957.
Tha e fhathast ann an dèidh mar a shoirbhich le iomairt airson a ghlèidheadh ann an 2009.
Gu h-annasach, 's e an call agus an cunnart dhan choimhearsnachd na h-argamaidean a rinneadh airson a chumail - na dearbh argamaidean a bh' ann bho chionn 70 bliadhna nuair a bhathar a' strì an aghaidh nan "Rocketeers".

Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 An t-Iuchar 2016