Beachd Bile nan Cànanan Albannach atharrachadh

Pàrlamaid na h-Alba
  • Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh air Bile ùr nan Cànanan, taobh a-muigh atharrachadh gus toirt air comhairlean Sgìrean Cànain Sònraichte ainmeachadh far a bheil a' Ghàidhlig aig co-dhiù 20% den t-sluagh.

Ann an agallamh gus seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh, thuirt an Leas-Phrìomh-Mhinistear Ceit Fhoirbeis gum biodh còraichean nas treasa air seirbheisean mar fhoghlam Gàidhlig anns na sgìrean sònraichte a thuilleadh air maoineachadh a bharrachd do chomhairlean bhon riaghaltas gus sin a chur an gnìomh.

'S e roghainn a th' anns na sgìrean sònraichte mar a tha am bile an-dràsta.

Thuirt Ceit Fhoirbeis gum bi dleastanasan ùra air ùghdarrasan ionadail ach cuideachd gum bi cothroman ann:

"Thuirt sinn anns a' bhile mar eisimpleir gu bheil cothrom againn a-nis cur air dòigh airgead airson gnìomhachasan far a bheil Gàidhlig air a cleachdadh agus cha robh sin againn mar-tha.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Ceit Fhoirbeis a' bruidhinn ri Niall O'Gallagher

"Agus cuideachd a' coimhead ri rudan mar fhoghlam, mar thaigheadas, mar bhun-structar - rudan a tha uabhasach cudromach dha coimhearsnachd Ghàidhlig.

"Tha dleastanasan ann, ach tha cothroman mòra ann cuideachd agus tha mi gu math dòchasach gu bheil na h-ùghdarrasan ionadail iad fhèin - gu bheil ùidh aca-san - agus gum bi iad gu math taiceil ris na cothroman agus 's dòcha am maoineachadh a tha a' tighinn leis na cothroman sin."

Aig deireadh na bliadhna an-uiridh chuir buill de Chomataidh Foghlaim Pàrlamaid na h-Alba taic ri grunn atharrachaidhean ann am Bile nan Cànanan Albannach, nam measg planaichean gus inbhe Shabhal Mòr Ostaig àrdachadh.

Tha dùil gun cur Pàrlamaid na h-Alba taic ris a' bhile nuair a bhios a' bhòt mu dheireadh ann anns na seachdainean a tha romhainn.