Plana 'son tachartasan ealain Ghàidhlig an Glaschu

FidheallTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh Plana nan Ealan Gàidhlig fhoillseachadh le Glaschu Beò agus iad ag amas air fàs a thoirt air na h-ealain Ghàidhlig anns a' bhaile.

Mar phàirt dhan seo, tha iad an dùil sgeamaichean eadar-dhealaichte a thòiseachadh agus tachartasan ùra a chur air dòigh.

'S e plana ceithir bliadhna a th' ann. Am measg nan tachartasan a thathas an dùil a chumail, tha Cèilidh a' Bhaile Mhòir gus cothrom a thoirt do dhaoine de gach aois blasad fhaighinn air a' Ghàidhlig tro cheòl, dannsa agus bàrdachd.

Chaidh seo fheuchainn aig fèis Celtic Conections air a' mhìos a chaidh agus thathas an dòchas gum bi trì dhuibh ann gach bliadhna.

Thathas cuideachd an dùil prògram ciùil a chruthachadh do dhaoine a tha 25 bliadhna a dh'aois agus nas òige gus tàlant a bhrosnachadh.

A thuilleadh air a sin tha iad an dùil Fèis nan Deugairean a stèidheachadh - tachartas eile a chaidh fheuchainn nuair a bha Celtic Connections a' dol bho chionn ghoirid.

Tha am plana ga fhoillseachadh agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' tilleadh a Ghlaschu an ath bhliadhna.

Gheall Glaschu Beò gun cum iad taic ris an fhèis agus tachartasan an iomaill.

Iris ag innse mu thachartasan iomall a' Mhòid ann an 2019
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu mu dheireadh ann an 2019

A thuilleadh air a sin tha Glaschu a' comharrachadh 850 bliadhna bho fhuair e inbhe baile agus mar phàirt dheth sin tha Glaschu Beò an dùil program Gàidhlig a chur air dòigh agus taisbeanadh mun Ghàidhlig ann an Glaschu sa là a th' ann a chur air adhart.

Tha iad cuideachd ag amas air a' Ghàidhlig fhighe a-steach gu diofar thachartasan ealain sa bhaile.

Chuir Bòrd na Gàidhlig fàilte air a' phlana agus iad ag ràdh gu bheil iad misneachail gum brosnaich seo diofar dhaoine air feadh a' bhaile an cuid Gàidhlig a chleachdadh.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad a' dèanamh fiughair ri bhith ag obrachadh còmhla ri Glaschu Beò gus na molaidhean a tha a' nochdadh anns a' phlana a chur an gnìomh.

Drochaid tharr Abhainn ChluaidhTùs an deilbh, Getty Images