Staing fiaclaireachd a' fàgail mòran a' siubhal astar mòr airson cùraim

Feumaidh Kimberley Roxburgh là slan a thoirt far a h-obrach airson faighinn dhan fhiaclair aice còrr is 100 mìle air falbh
- Air fhoillseachadh
Tha cho gann 's a tha fiaclairean aig an NHS a' toirt air tuilleadh dhaoine a bhith a' cosg barrachd ùine agus airgid airson taic fhiaclaireachd fhaighinn.
Nam measg tha Kimberley Roxburgh, a ghluais à Dùn Èideann bho chionn dà bhliadhna a dh'fhuireach san Eilean Sgitheanach far a bheil i ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig.
Bha aice ri siubhal 450 mìle dhan phrìomh-bhaile agus air ais dhachaigh airson cùram fiaclaireachd èiginneach leis nach robh cothrom aice air cùram gu h-ionadail.
Tha i a-nis clàraichte le fiaclair nas fhaisge air an taigh ach fhathast fada air falbh, am Baile a' Chaolais, turas 225 mìle ann agus air ais.
Thuirt Kimberley: "Tha agam ri siubhail dà uair de thide agus 40 mionaidean dhan fhir as fhaisge a lorg mi, agus sin là slàn air falbh bhon obair, agus airgead airson a bhith a' siubhal cuideachd.
"Tha e gu math doirbh a bhith a' fuireach an seo agus na rudan bunaiteach airson slàinte fhaighinn.
"Tòrr nas duilghe na bha mi an dùil," thuirt i.

A rèir an NHS fhèin, bu chòir do dhaoine fiaclar fhaicinn gach sia miosan gu dà bhliadhna.
Tha gainnead fhiaclairean gu nàiseanta, duilgheadasan clàraidh agus astar bho ionad fiaclaireachd a' fàgail gu bheil na ceudan nach fhaigh seirbheis a tha cunbhalach, luath agus faisg orra.
Tha Cathraiche Comataidh Chomann nam Fiaclairean an Alba, an Dtr Gillian Lennox, ag ràdh gur e seo an suidheachadh as miosa on thòisich i san dreuchd ann an 1998.
"Seo a' chiad turas as cuimhne leam on thoisich mi a dh'obair gu bheil dùbhlain air a bhith ann am meadhan na h-Alba agus am meadhan nam bailtean mòra fiaclairean fhastadh.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil grunn rudan as coireach.
"Tha mi a' smaoineachadh gun robh tòrr uallaich air fiaclairean aig àm Covid, agus tha tòrr phroifeasantach air roghnachadh an obair a leigeil seachad tràth," mhìnich i.

Tha Buidheann Fiaclaireachd Bhreatainn, an BDA, ag iarraidh gun tèid barrachd a dhèanamh airson daoine a chumail san t-Seirbheis Slàinte Nàiseanta.
Ach san eadar-ama, tha mòran a feitheamh, air neò a' cosg ùine airson rudeigin a tha còir a bhith saor ach as urrainn a bhith gu math cosgail an iomadh dòigh.
Nam measg tha Gòrdan Camshron a tha a' fuireach air a' Chomraich.
"Uaireannan, feumaidh tu là dheth a ghabhail dìreach airson a dhol ann airson cairteal na h-uarach agus an uair sin tilleadh.
"'S dòcha nach eil daoine sna dreuchdan mòra, dh'fhaodainn ag ràdh, a' tuigsinn cho fada 's a dh'fheumas tu a bhith a' siubhal, cho fada 's a tha e a' toirt.
"Tha faireachdainn uaireannan an seo sna sgìrean dùthchail gum feum thu a bhith a' sabaid airson seirbheisean gu math bunaiteach fhaighinn," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 An t-Ògmhios 2024
- Air fhoillseachadh6 An Gearran