Tè-ghnothachais sna Hearadh a' faighinn aithne nàiseanta

Heike agus a' bhùth bheag aice anns an t-Òb
- Air fhoillseachadh
Chaidh Heike Winter, a stèidhich companaidh san t-Òb a' dèanamh 's a reic mustaird an dèidh bruadar a bhith aice, aithneachadh airson mar a tha i a' brosnachadh bhoireannach eile.
Chaidh a h-ainmeachadh air an liosta #IAlso100 aig Small Business Britain de bhoireannaich bho air feadh na Rìoghachd Aonaichte a thòisich a' chompanaidh aca fhèin.
'S ann an 2016, dà mhìos an dèidh do Heike agus an duine aice gluasad dha na Hearadh bhon Ghearmailt, a bha aisling aice mu na faclan MustHeb.
"Cha robh beachd sam bith agam air dè bha seo a' ciallachadh ach bha faireachdainn làidir agam mu dheidhinn an ath là," thuirt Heike.
"Bhuail e orm aon là agus thuirt mi rium fhèin, bu chòir dhòmh mustard a dhèanamh sna h-eileanan!"

Tha stuth Heike a-nis ga reic air feadh nan Eilean Siar
Fhuair i taic bhon t-Slighe Ghnothachais aig Comhairle nan Eilean Siar agus dh'fhosgail i a' bhùth aice air iomall an t-Òib ann an 2017.
"Nuair a thòisich mi, bha mi a' faireachdainn gu math aonaranach ach tha e a' còrdadh rium gu mòr a bhith ag obair còmhla ri daoine eile agus a bhith a' toirt taic do bhoireannaich agus taic fhaighinn bhuapa," thuirt Heike.
Ged 's e Heike an aon bhoireannach sna h-Eileanan an Iar a nochd air liosta #IAlso100 am-bliadhna, chan e a' chiad turas a fhuair eileanaich aithne.
Chaidh Megan NicDhòmhnaill leis a bheil Sandwick Bay Candles ainmeachadh ann an 2023, agus Eilidh Jamieson a stèidhich EJayDesign an-uiridh.

Tha taic ri fhaighinn bhon t-Slighe Ghnothachais do bhoireannaich anns na h-Eileanan an Iar a tha airson a' chompanaidh aca fhèin a stèidheachadh.
Thuirt Àrd-Oifigear an Leasachaidh Ghnìomhachais, Tormod MacIllEathain: "Tha sinn air ar dòigh gu bheil Heike am measg nan 100 boireannach as motha a tha a' misneachadh chàich a dh'ainmich f:Entrepreneur, iomairt le amas leudachadh a thoirt air na tha de luchd-gnothachais boireann.
"Tha Heike tuilleadh agus airidh air an urram seo agus chan eil rian nach toir seo misneachd do bhoireannaich eile."
A bharrachd air a' chitheasg bheag air oir an rathaid taobh a-muigh an taighe aca, tha stuth Heike a-nis ga reic air feadh nan Eilean Siar.
Thuirt Heike: "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinne (boireannaich) dìreach iongantach.
"Mar bhoireannach agus mar bhoireannach leis a' chompanaidh aice fhèin tha e rud beag duilich uaireannan ach 's fhiach a dhèanamh.
"Ma tha beachd ann nach e 'gnothachas boireannaich' a th' ann, chan eil sin gu diofar, dìreach feuch air!"