Milleadh air ionad sreap an Inbhir Nis

Uinneag bhriste aig an LedgeTùs an deilbh, An Ledge
  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis an Inbhir Nis a' rannsachadh an dèidh mar a chaidh milleadh luach nam mìltean not a dhèanamh air ionad sreap sa bhaile.

Chaidh briseadh a-steach air ionad an Ledge, air Sràid Telford, goirid ro 06:00m Diluain.

Tha an t-ionad ga ruith le buidhinn charthannais, a' toirt taic do dhaoine òga le trioblaidean sòisealta, agus feadhainn air a bheil trauma agus an teaghlaichean.

Tha an fheadhainn a tha a' ruith an ionaid ag ràdh gun tig orra £2,500 a chosg air uinneagan briste a chàradh agus ceithir iPad ùr a cheannach an àite feadhainn a chaidh a ghoid.

Dh'iarr iad taic an t-sluaigh ann a bhith a' pàigheadh na cosgais seo.

Thuirt na Poilis gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn.