70 bliadhna bho chrusade Billy Graham ann an Alba

Tha 70 bliadhna bhon a thòisich an 'All Scotland Crusade' aig Billy Graham - iomairt de sheòrsa nach fhaca Alba a riamh roimhe.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha 70 bliadhna bhon a thòisich an 'All Scotland Crusade' aig Billy Graham - iomairt de sheòrsa nach fhaca Alba a-riamh roimhe.

  • Air fhoillseachadh

Bho chionn 70 bliadhna an-diugh, thàinig an soisgeulaiche Aimeireaganach, Billy Graham, a dh'Alba airson iomairt chreidmheach de sheòrsa nach fhacar a-riamh roimhe.

Thar nan sia seachdainean a dh'fhuirich e ann an Alba, thàinig na deichean mhìltean a dh'fhaicinn an searmonaiche òg anns na cruinneachaidhean creidhmheach a bu mhotha bha Alba a-riamh air fhaicinn aig an àm.

Aramach spioradail

Cha robh e ach anns na 30an aige, ach bha dòigh searmonachaidh fhir Charolina a Tuath air na mìltean a bheò-ghlacadh fiùs mun d' thàinig e a dh'Alba.

Ann an 1954, nochd e mu choinneamh shluaghan mòra ann an Sasainn. Bliadhna às dèidh sin, 's e cothrom Alba bhiodh ann fàilte a chur air neach mun canadh iad 'America's pastor'.

Airson sia seachdainnean, bhiodh an Greumach a' searmonachadh bho Thalla Khelvin ann an Glaschu. Ri linn 's gun robh aramach poileataigeach na amas aig mòran air feadh an t-saoghail, thionndaidh Billy Graham fhaclan gu aramach spioradail.

Buaidh mhòr air beatha na h-eaglaise

An rèir an Urramaich Dòmhnall Micheal MacAonghais, a tha stèidhichte anns a' bhaile far an robh Billy Graham a' cumail a' mhòr-chuid de thachartasan ann an 1955, bha iomairt gu math cudromach.

"Bha buaidh mhòr aige air beatha na h-eaglaise ann an Alba.

Thàinig brosnachadh air àireamhan na h-eaglaise.

Thàining àrd-ìre bhallrachd na h-eaglaise goirid às dèidh dha a bhi ann aig deireadh nan 50s agus aig toiseach nan 60an."

Chaidh an Song Book aig Billy Graham a chleachdadh ann an 1955, agus tha an leabhar fhathast air sgealpannan mhòranTùs an deilbh, An t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an Song Book aig Billy Graham a chleachdadh ann an 1955, agus tha an leabhar fhathast air sgeilpichean mhòran.

Iomairt do dh'Alba air fad

Ged a dh'fhàs iomairt ainmeil airson nan tachartasan a chùm e ann an Talla Khelvin, thug iomairt e a dh'àiteachan nas motha buileach agus gu dearbha a-mach à Glaschu.

Nochdadh e mu choinneamh nan sluaghan ann an Dùn Èideann, Obar Dheathain agus aig Pàirc a' Bhught ann an Inbhir Nis.

Thigeadh railidhean aig Pàirce Hampden agus aig Ibrox cuideachd.

Bhruinneadh an Greumach mu choinneamh nan mìltean aig an leithid Pàirce Hampden.Tùs an deilbh, Billy Graham Evangelistic Association
Fo-thiotal an deilbh,

Bhruineadh an Greumach mu choinneamh nan mìltean aig an leithid Pàirce Hampden.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Billy Graham ann an Glaschu ann an 1955.

Bha obair mhòr air cùl a bhi a' toirt Billy Graham a dh'Alba.

Cha robh a h-uile duine a bha an sàs anns na h-eaglaisean ann an Alba taiceil dhan bheachd soisgeulaiche a dh'fhuiricheadh beagan sheachdainean mun tilleadh e dha na Stàitean a thoirt dhan dùthaich idir.

Ach, bha ministearan an leithid Tom Allan, a bha os cionn cho-thional Khelvinside a Tuath, gu mòr an sàs anns an iomairt Billy Graham a thoirt a dh'Alba.

A dh'aindeoin teagmhan a bha aig cuid mu dhòigh a' Ghreumaich, bha taic gu leòr ann airson rudeigin eadar-dhealaichte fheuchainn airson teine a lasadh ann an Alba.

Tom Allan, a bha gu mòr an sàs ann a bhi a toirt Billy Graham a dh'Alba.
Fo-thiotal an deilbh,

Tom Allan, a bha gu mòr an sàs ann a bhith a' toirt Billy Graham a dh'Alba.

Do mhòran ge-tà, thàining Billy Graham a dh'Alba aig àm a bha dìreach ceart. Bha an dùthaich fhathast a' tarraing lotan an dàrna chogaidh. Agus bha lotan pearsanta cuideachd feumach air leigheas.

Dha na bràthairean Fearghas agus Evan Dòmhnallach, bha turas a' Ghreumaich eu-coltach ri dad a bha iad air fhaicinn roimhe. Cha robh Evan ach deich bliadhna a dh'aoise ann an 1955, ach tha dealbh nan ceudan a' cruinneachadh airson Billy Graham fhaicinn aig Pàirce a' Bhught fhathast na eanchainn.

"S e rud iongantach a bh' ann", tha e ag ràdh.

Bha Fearghas fortanach gu leòr coinneachadh ris an t-soisgeulaiche ann an Glaschu.

"Tha tòrr dhaoine a bha nan ministearan nas anmoiche ag ràdh gun robh coinneamhan Bhilly Graham gu math cudromach dhan cho-dhùnadh aca tionndadh gu Crìosda.

Spionnadh

Dhe na mìltean a chunnaic Billy Graham ann an 1955, chan eil mòran beò tuilleadh. Ach, 70 bliadhna bhon uairsin, tha a bhuaidh fhathast gu math faisg air cridhe mhòran.

Chaill aon tè, Grace Fhriseil a bhuineadh a Dhùn Bhreatann, a màthair ann an 1953. Do neach a bha air tòrr a chall agus a bha a' lorg adhbhar dòchais, bha buaidh Ghreumaich gu math sìmplidh.

"Tha mi a' toirt taing do Dhìa air a shon. 'S e rud air leth a bh' ann."