Dràibhear a bu choireach ri tubaist san deach dithis a mharbhadh
- Air fhoillseachadh
Tha dràibhear a bha a' dol aig astar fìor luath air aideachadh gur e a dh'adhbharaich tubaist rathaid san do chaill càraid phòsta a bha air saor-làithean an Earra-Ghàidheal am beatha.
Bha Seòras Murphy, 55, a' feuchainn ri faighinn seachad air grunn charbadan air an A85 faisg air Taigh an Droma nuair a thachair an tubaist air an 31mh den Mhàrt an-uiridh.
Ciont
Chuala an Àrd-Chùirt ann an Glaschu gun robh Murphy a' siubhal air ais dhachaigh gu Rinn Friù an Ear às an Òban, leis an dithis mhac aige sa chàr còmhla ris.
Dh'fheuch e ri faighinn seachad air trì càraichean agus bus agus e a' tighinn suas gu lùb sa rathad air an A85 faisg air Gleann Lòchaidh.
Bhuail am Ford Mondeo aige ceann-dìreach a-steach gu Audi Q2 a' marbhadh an dithis a bha na bhroinn, Martin Cousland, 70, agus a bhean, Josephine, 69.
Chaidh na mic aig Murphy a dhroch leòn cuideachd san tubaist.
Dh'aidich e gun robh e ciontach de bhith ag adhbharachadh bàis agus leòin le bhith a' dràibheadh gu cunnartach.
Tha casaidean a thaobh dràibhidh air a bhith aig Murphy ron a seo.
Chaidh a chumail an greim agus thèid binn air sa bhliadhna ùir.