Makar na h-Alba aig Co-labhairt Litearrachd nan Eilean

Chaidh Pàdraig MacAoidh ainmeachadh mar Makar na h-Alba san Dùbhlachd 2024
- Air fhoillseachadh
Bidh Makar na h-Alba, Pàdraig MacAoidh, am measg na bhios a' bruidhinn aig Co-labhairt Litearrachd nan Eilean ann an Steòrnbhagh Dimàirt.
A' bruidhinn air thoiseach air a' cho-labhairt, thuirt Mgr MacAoidh gu bheil a' Ghàidhlig feumach air a h-uile taic airson sgilean litearrachd a leasachadh air a Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan is gu bheil e cudromach a h-uile cothrom a ghabhail Gàidhlig a chleachdadh.
Chaidh an tachartas Dimàirt a chur air dòigh le Leabharlainn nan Eilean Siar, ann an co-bhonn ri Urras Leabhraichean na h-Alba.
A bharrachd air Pàdraig MacAoidh a chaidh ainmeachadh mar Makar no Bàrd Nàiseanta na h-Alba san Dùbhlachd an-uiridh, bidh sreath de dh'òraidean ann bho ghrunn dhaoine a tha an sàs ann an litearrachd anns na h-eileanan.
Nam measg sin, bidh Ceannard Bhun-sgoil Steòrnabhaigh, Peigi NicNeacail, Tosgaire STEM aig UHI an Iar Thuath, Angela NicAsgaill, agus Manaidsear Leabharlainn nan Eilean Siar, Renee Mason.

Bidh panail cuideachd a' beachdachadh air ciamar a ghabhas cultar leaughaidh na Gàidhlig a neartachadh.
'S e Anges Rennie a bhios anns a' chathair airson an deasbaid sin agus bidh an t-Àrd-Leabharlannaiche ùr Gàidhlig agus Ruigsinneachd, Fionnlagh Mac'Illinnein a' freagairt cheistean.
Agus thèid còmhradh a chumail le Urras Leabhraichean nan Eilean feasgar mu ciamar a ghabhas co-obrachadh a bhrosnachadh airson litearrachd a neartachadh a dh'aindeoin dhuilgheadasan mu choinneamh taic-ionmhais.
Thèid a' cho-labhairt a chumail ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh Dimàirt, a' toiseachadh aig 9.00m. agus bidh an tachartas cuideachd ga chraoladh beò air an eadar-lìon.