Tuathanaich a' togail fianais

Crodh ag ithe
  • Air fhoillseachadh

Bidh tuathanaich is croitearan a' cruinneachadh taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin is dragh orra mu thuathanachas san àm ri teachd.

Tha iad ag iarraidh gun tèid maoineachadh a bheir taic do dh'àiteachas àrdachadh nuair a dh'fhoillsicheas Riaghaltas na h-Alba am buidseat aca an ath-sheachdain.

'S e seo a' chiad bhliadhna nach deach taic-airgid a chur an dàrna taobh le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte - no leis an Aonadh Eòrpach a bh' ann roimhe.

Tha dragh mòr air tuathanaich leis gu bheil an t-airgead gann ann an roinnean eile a tha fo stiùir na h-Alba a leithid foghlaim is slàinte.

'S e a tha iad ag iarraidh ach àrdachadh luach £50m a dh'fhàgadh am buidseat slàn aig £76m.

Tha iad cuideachd ag iarraidh gum bi buidseat cunbhalach air a ghealltainn thar deannan bhliadhnaichean.

Thuirt ceannardan thuathanach gum bi seo mar dheuchainn air gealltanasan an riaghaltais do coimhearsnachdan dùthchail.

Thuirt ministearan riaghaltais gu bheil iad daingeann a thaobh an cuid taice dhan roinn.