Naidheachdan 11:00m
- Air fhoillseachadh
Inimreachas
Bha àrdachadh gu math nas motha na bha dùil ann an inimreachas dhan Rìoghachd Aonaichte air a' bhliadhna dhan Ògmhios ann an 2023. Dh'innis Oifis nan Staitistig Nàiseanta an-diugh gun robh 906,000 ann - an àireamh as motha riamh ann am bliadhna - mus tàinig lùghdachadh 20% air a' bhliadhna às dèidh sin. 'S ann fon t-seann Riaghaltas Tòraidheach a bha an lùghdachadh sin, ach tha an Riaghaltas Làbarach a' gealltainn an àireamh a ghearradh fhathast le smachd air inimrich air Caolas Shasainn agus dèiligeadh ris an àireimh dhaoine a th' air liosta a' feitheamh ri comraich.
An Ucràin
Thuirt an Ucràin gun tug an Ruis ionnsaigh mhòr an-raoir air bun-structar cumhachd na dùthcha. Bha spreadhaidhean ann an sreath bhailtean mar Odesa, Kharkiv agus Dnipro. Tha còrr is millean duine san Ucràin às aonais dealain.
Pàigheadh Phoileas
Tha oifigearan poilis agus luchd-obrach catharra na seirbheis air a bhith a' togail fianais mu phàigheadh an-diugh, taobh a-muigh coinneimh àbhaistich Chaidreachas Phoileas na h-Alba ann an Glaschu. Ged nach fhaod oifigearan poilis a dhol air stailc tha faisg air mìos ann a-niste bho sguir iad a dhèanamh dad taobh a-muigh an obair chunbhalaich. Tha an Caidreachas ag ràdh nach eil gu leòr anns an àrdachadh pàighdidh 4.75% a thathas a' tabhann orra.
Bile Taigheadais
Bidh deasbad aig Pàrlamaid na h-Alba feasgar mu bhile airson dèiligeadh ri cion taigheadais agus còraichean luchd-màil. Tha Bile Taigheadais na h-Alba a' moladh, am measg eile, smachd air ìre mhàil agus gum bi e nas dorra do dh'uachdarain daoine a chur a-mach às an dachaigh.
Leòdhas
Chaidh plana fhoillseachadh airson an tuath-gaoithe coimhearsnachd as motha a bhiodh san Rìoghachd Aonaichte ann an ceann a tuath Leòdhais. Tha trì uachdarain choimhearsnachd air cùlaibh pròiseact Urras Oighreachd Ghabhsainn, Urras Oighreachd Bharabhais agus Urras Oighreachd Chàrlabhaigh. Bhiodh naoi chrainn còrr is 100 meatar de dh'àirde sa phròiseact air a' mhòintich faisg air Barabhas.