20 bliadhna bho mhurt Inbhir Narann

Alasdair MacUilleim agus a bhean VeronicaTùs an deilbh, POILEAS ALBA
  • Air fhoillseachadh

Tha 20 bliadhna ann chun an là Diardaoin bho chaidh fireannach a mhurt air a stairsich fhèin ann an Inbhir Narann - 's gun duine air an dìteadh fhathast.

Chaidh Alasdair MacUilleam, a bha pòsta le dithis chloinne, a mhurt le fear-gunna a thàinig chun an dorais aige air an 28mh là den t-Samhain 2004 - cùis ris an canar "am murt stairsich".

Bha fireannach air gnogadh air doras dachaigh an teaghlaich mu 7:00f agus bhruidhinn e ri bean Mhgr MhicUilleim, Veronica, agus chleachd e ainm nuair a thuirt e gun robh e airson bruidhinn ris.

Nuair a thàinig e a-nuas, thug am murtair cèis ghorm dha air an robh an t-ainm "Paul" sgrìobhte.

Chaidh Mgr MacUilleim a-steach dhan taigh a-rithist greiseag agus nuair a thill e loisg an duine le gunna-làimhe air.

20 bliadhna an dèidh sin, tha an teaghlach aige fhathast a' sireadh fhreagairtean.

Dh'iarr am Morair Tagraidh san t-Sultain am-bliadhna gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' chùis.

Thuirt an t-oifigear a tha os cionn an ath-sgrùdaidh, an t-Àrd-Detective Superintendent Suzanne Chow, gum bi e "domhain is mionaideach" is gu bheil na poilis a' coimhead air grunn loidhnichean.

Thuirt i gu bheil "inntinn fhosgailte" aca a thaobh dè bha air cùl a' mhuirt.

Tha teaghlach Alasdair MhicUilleim air na poilis a chàineadh roimhe airson mar a chaidh a' chùis a làimhseachadh is mar a chaidh dèiligeadh riutha fhèin, is iad ag ràdh gun do chaill iad earbsa annta.

"Thug seo buaidh mhòr air an àite. Gu seachd-àraid baile beag mar Inbhir Narann far an aithne tòrr dhaoine a chèile," thuirt Tormod MacLeòid, a bha na Shuperintendent aig Poilis a' Chinn a Tuath.

"Agus tha e uabhasach cuideachd iongantach saoilidh mise nach tàinig facal sam bith a-mach on uair sin.

"Nam b' e cuideigin a bh' ann a bha a' fuireach fhathast anns an àite, nach tàinig bileag sam bith a-mach de stòraidh sam bith mu dheidhinn," thuirt e.

Dòchas

Tha an teicneòlas a chleachdas na poilis airson rannsachaidhean den leithid air atharrachadh gu mòr san 20 bliadhna mu dheireadh.

Tha Mgr MacLeòid dòchasach gun tig adhartas às an ath-sgrùdadh ùr.

"Tha mise a' smaoineachadh, nuair a tha cuideigin a' tighinn a-steach le sùilean eile, a' tighinn a-steach agus a' coimhead air, 's e rud math a bhios an sin.

"'S e 'cold case review' a chanas iad ris, agus tha fhios againn gun do thachair sin ann an cùis Renee NicRath, agus gun deach a' chùis sin a thoirt dhan chùirt."

Tha na poilis air coinneachadh ri teaghlach Alasdair MhicUilleim às ùr mar oidhirp air feuchainn ri càradh a dhèanamh air na ceanglaichean eatorra.

"'S e rannsachadh air leth toinnte a th' ann," thuirt an t-Àrd-Detective Superintendent Suzie Chow.

"Tha mi gu mòr airson freagairtean fhaighinn dha teaghlach Alasdair.

"Tha mi air coinneachadh riutha, thachair mi ri bantrach Alasdair, Veronica, agus pàrantan Alasdair, Joan agus Ailean.

"'S e àm uabhasach doirbh a th' ann dhaibhsan, mar a thuigear - tha 20 bliadhna ann agus chan eil na freagairtean aca a dh'fheumas iad no a dh'iarras iad.

"Cumaidh sinn taic agus fiosrachadh riutha tron rannsachadh," thuirt i.