An A96: 'Feumaidh sinn a bhith farpaiseach'
- Air fhoillseachadh
Tha briseadh-dùil air daoine san ear-thuath an dèidh do Riaghaltas na h-Alba innse Diardaoin nach tèid an A96 a dhèanamh dà-fhillte ro 2030 mar a bha dùil.
Gheall an Riaghaltas ann an 2011 gun deadh an rathad air fad eadar Inbhir Nis is Obar Dheathain a dhèanamh dà-fhillte ron àm sin.
Ach a' bruidhinn aig Holyrood Diardaoin thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, nach gabhadh sin dèanamh.
Thuirt i ge-tà, gun robh an Riaghaltas fhathast ag amas air an rathad air fad a leasachadh.
"Tha e soilleir nach bi e comasach an A96 air fad a dhèanamh dà-fhillte ro 2030," thuirt Ms Hyslop.
"Tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta a' fàbharadh an A96 eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain air fad a dhèanamh dà-fhillte.
"Tha fianais Ath-sgrùdadh Slighe an A96 a' sealltainn gum faodadh dòigh eile a bhith ann a bheireadh fuasglaidhean eile seachad le buidseat nas lugha."
Bha i a' bruidhinn an dèidh ath-sgrùdaidh a rinneadh air na planaichean, a tha a-niste a' moladh seach-rathaidean airson Inbhir Narann (a tha a' dol air adhart mar thà) Eilginn agus Baile Chèith, agus leasachaidhean air cinn-rathaid, seirbheisean rèile agus slighean siubhail ghnìomhaich.
Nochd an t-ath-sgrùdadh gun adhbharaicheadh a bhith a' leasachadh an rathaid air fad a' toirt suas mòran fearainn, agus gun àrdaicheadh e eimiseanan bho thrafaig.
Ceangailte
Thuirt Sarah Medcraft, a tha na h-Àrd-Stiùiriche air Seòmar Malairt Mhoireibh, gu bheil ceanglaichean còmhdhail iomchaidh riatanach airson sgìrean dùthchail na h-Alba a bhith farpaiseach gu h-eaconomach.
"'S e a' chiad smuain a th' agam, gu bheil mi a' faireachdainn gun deach ar trèigsinn," thuirt i.
"Ged a tha a' chainnt a tha a' dol timcheall air ag ràdh gu bheil iad fhathast a' gealltainn a dhèanamh, chan ann mar sin a tha e a' faireachdainn.
"Chunnaic sinn an dreach-phlana de na roghainnean eile, le dìreach seach-rathaidean ann an Eilginn is Baile Chèith, 's chan eil e a' faireachdainn math gu leòr a thaobh na dh'fheumas sinn an seo air an tuath.
"Feumaidh sinn a bhith farpaiseach, agus airson sin feumaidh sinn a bhith ceangailte - sin a' ceangal nan daoine, nan stuthan is nan seirbheisean a bhios sinn a' tabhann - agus cha ghabh sin dèanamh gun bhun-structar ceart," thuirt i.
Thèid an dreach-phlana aig Còmhdhail Alba a-niste a chur a-mach gu co-chomhairle phoblaich a mhaireas trì mìosan.