Fionnlagh Dòmhnallach ciontach de mhurt is oidhirp air triùir eile a mhurt
- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach às an Eilean Sgitheanach fhaighinn ciontach de mhurt is oidhirp air triùir eile a mhurt.
Chaidh binn beatha sa phrìosan air Fionnlagh Dòmhnallach is bidh 28 bliadhna mus bi cothrom aige air paròl.
Shàth Dòmhnallach, 41, a bhean Rowena, 34, le sgithinn grunn tursan air beulaibh an cuid chloinne aig dachaigh an teaghlaich ann an Tarsgabhaig an Slèite san Lùnastal 2022, mus do dhràibh e chun na Teangaidh far an do loisg e air a bhràthair-chèile, John MacFhionghain, 47, ga mhurt.
Dhràibh Dòmhnallach an uairsin chun an Dòrnaidh air Taobh Siar Rois far an do loisg e air Fay NicCoinnich is an duine aice, John Don MacCoinnich, a bha uair na lighiche-chnàmhan.
A dh'aindeoin is gun robh an dithis, ri chèile 65, air an leòn, rinn iad strì le Dòmhnallach mus deach losgadh air le taser le oifigear poilis.
Bha Fionnlagh Dòmhnallach air a dhol às àicheadh nan casaidean uile san Àrd-Chùirt an Dùn Èideann is chuir e air adhart dìon sònraichte nach robh e aige fhèin aig an àm.
Fhuair an diùraidh ciontach e de mhurt is trì oidhirpean air murt.
Bha an diùraidh air beachdachadh air 'son beagan a bharrachd air dà uair de thìde Dihaoine.
Bha a' chùirt air cluinntinn roimhe gun robh duilgheadasan aig Dòmhnallach le a shlàinte-inntinn is gun robh e ga mheas fhèin mar fhulangaiche.
Às dèidh dhan diùraidh am breith fhoillseachadh, thuirt am britheamh, a' Bhana-Mhorair Dhruiminneach ris: "Thug thu sreath de dh'ionnsaighean brùideil, ainneartach le sgithinn agus gunna-froise pumpaidh ann am beagan uair de thìde."
Thuirt i cuideachd gun robh càirdean a' bhràthair-chèile John MacFhionghain a' faireachdainn gun robh iad air beatha agus anam teaghlaich a chall an dèidh dha a bhith air a thoirt bhuapa.
Ged a dhiùlt an diùraidh an tagradh a chaidh a chur air adhart às a leth nach robh e aige fhèin ri linn claonadh inntinn, thuirt am britheamh gun robh na trioblaidean slàinte aige fhathast nan adhbhar cnuasachaidh, agus dh'aithnich i gun tuirt e gun robh e duilich airson na rinn e.
Thug i aire cuideachd gu mar a dhiùlt an diùraidh, leis a' bhreithneachadh aca, an argamaid gur e "neo-dhìlseachd fheiseil" a phiobraich e gus ionnsaigh a thoirt air a bhean.
Thuirt an Detective Superintendent Lorna Fhearghasdan aig Sgioba Mhòr-rannsachaidh Phoileas Alba: “Bha na rinn Fionnlagh Dòmhnallach anns na trì tachartasan lèireach a thachair san Lùnastal 2022 san Eilean Sgitheanach agus Ros an Iar brùideil agus nan adhbhar dragh mhòr.
"Nochd e ìre de dh'fhòirneart do-thuigsinneach, agus tha na h-eucoireran aige air buaidh mhaireannach sgriosail a thoirt air ginealaichean de na teaghlaichean a tha an sàs, agus gu dearbha air coimhearsnachdan air fad.
"Tha na smuaintean agus co-bhròn againn leothasan a dh'fhuiling agus an luchd-gaoil aca aig àm a tha air leth doirbh dhaibh, agus iad fhathast a' caoidh 's a' faighinn seachad air na thachair.
"Tha mi an dòchas gu bheil breithneachadh an là an-diugh a' toirt na h-uimhir de chofhurtachd dhan a h-uile duine air an tug seo buaidh.
"Bu mhath leam crìochnachadh le bhith a' toirt iomradh air cho treun 's a bha a dithis oifigearan a chur Dòmhnallach an grèim.
"Lean iad òrdugh an carbad aige a leantainn, agus chuir iad iad fhèin ann am fìor chunnart le bhith ga leantainn a-steach gu taigh fhad 's a bha gunna ga losgadh.
"Thug na rinn iad, a chuir sàbhailteachd a' phobaill air thoiseach air an cuid sàbhailteachd fhèin gun smuain orra fhèin, an tachartas seo gu ceann gun an còrr call beatha."
Chuala a' chùirt cuideachd mun chàirdeas eadar Fionnlagh Dòmhnallach agus an fheadhainn air an tug e ionnsaigh.
Bha e air a ràdh gun tug John MacFhionghain ionnsaigh air roimhe ann an 2013 agus gun do dh’fheuch e sùil a spìonadh às.
Bha e den bheachd gun do dh'fhàs trioblaidean a bh' aige le a dhruim na bu mhiosa às dèidh dha a dhol gu John Don MacCoinnich airson leigheas-chnàmhan.
Bha càirdeas doirbh aige le a bhean is e a' creidsinn gun robh i a' falbh le fear eile.
Thòisich na h-ionnsaighean mu 09:00m Diciadain an 10mh den Lùnastal 2022.
Bha Fionnlagh Dòmhnallach mì-thoilichte mu theachdaireachdan fòna eadar Rowena Dhòmhnallach is am manaidsear obrach aice.
Bha strì eadar a' chàraid is thug Fionnlagh Dòmhnallach sgian às a' phocaid is thòisich e a' sàthadh a mhnà.
Bha Rowena a' sgreuchail is i a' feuchainn ri a dìon fhèin.
Dh'fheuch i ri teicheadh tro dhoras cùil an taighe ach bha e glaiste is lean an ionnsaigh.
Dh'innis i dhan chùirt gun robh cuimhne aice gun d' fhuair i am fon aice gus taic iarraidh.
Bha an ceathrar chloinne ri taobh is i a' fàs nas laige.
Thuirt Rowena gun cuala i an duine aice a' dol eadar an taigh is càr aige grunn tursan mus do dh'fhalbh e.
Dhraibh Dòmhnallach gu taigh a pheathar faisg air làimh san Teanga.
Bha Lyn Anne NicFhionghain taobh a-muigh an taighe nuair a nochd e. Choisich e seachad oirre le gunna na làimh.
Dh'innis a' Bh-Ph. NicFhionghain gun robh e ann am priobadh na sùla san taigh far an do loisg e air an duine aice John sa chidsin.
A' tilleadh dhan chàr aige cha tuirt e guth ri a phiuthair.
Ruith Lyn Anne NicFhionghain a-steach dhan taigh far an do thuit an duine aice a-steach gu làmhan.
Chaochail e an sin.
Bha Fionnlagh Dòmhnallach a-nise air a shlighe chun na Dòrnaidh.
Chunnaic poilis a bha a' freagairt gairm 999 mu ionnsaigh Tharsgabhaig an Subaru aige is lean iad e gu tìr-mòr.
Ach chaidh innse do dh'oifigearan gun stad a chur air Dòmhnallach is gun robh oifigearan armaichte air an t-slighe.
Loisg Fionnlagh Dòmhnallach air Fay NicCoinnich tro uinneag a taighe.
Bha John Don MacCoinnich air a bhith a' muigh a' biathadh mhucan is ruith e a-steach dhan taigh.
Chaidh losgadh air na dhruim is e a' feuchainn ris a bhean a dhìon san taigh-bheag.
Thòisich an dithis a' stri le Dòmhnallach is fhuair Mgr MacCoinnich an gunna bhuaithe, is bhuail a' Bh-Ph. NicCoinnich e le stob meadailte a bha a' cumail rollaichean an taighe-bhig.
Bhuail i co-dhiù dà thuras e nuair a chuala i guth ag ràdh: "Sin gu leòr".
'S ann an uairsin a thuig i gun robh oifigearan poilis anns an taigh san Dòrnaidh.
Bha cead gunna air a bhith aig Dòmhnallach fad 15 mìosan is dh'innis e do na poilis gun robh sia gunnaichean aige.
Chuala a' chùirt gun robh òtasm, PTSD, trom-inntinn is iomagain a' bualadh air Dòmhnallach.
Chuir na h-ionnsaighean uabhas air muinntir na sgìre.
Bha an t-Urr. Gòrdan MacMathain a bha na shearmonaiche san Eaglais Shaoir san sgìre, air eòlas a chur air Dòmhnallach is a' chlann aca timcheall air an aon aois.
"Dh'fhàs mi eòlach air timcheall air an sgoil agus aig trèanadh ball-coise.
"'S e buille ghoirt, chruaidh a bh' ann dhan choimhearsnachd. Seo fear den fheadhainn againn fhìn a mharbh fear eile de na daoine againn fhìn".
"Tha mi a' creidsinn gun do dh'fhàg na thachair làrach air an dà choimhearsnachd is gu bheil iad fhathast a' slànachadh," thuirt fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair, Iain MacFhionnlaigh.
"Tha mi cinnteach gum bi daoine feumach air taic leantainneach.
"Gheibh cuid seachad air ach feadhainn eile, 's dòcha nach fhaigh a chaoidh"
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean
- Air fhoillseachadh20 An t-Samhain
- Air fhoillseachadh19 An t-Samhain