Stòbhaichean: "Poileasaidh nach eil freagarrach ga sparradh air eileanan"
- Air fhoillseachadh
Nochd Comhairle nan Eilean Siar mì-thoileachas mòr mu chasg Riaghaltas na h-Alba air stòbhaichean connaidh ann an taighean ùra 's iad ag ràdh nach eil e idir freagarrach dha na h-eileanan.
Tha an t-ùghdarras ionadail air sgrìobhadh chun an Riaghaltais gus soillearachadh iarraidh mun chùis.
Chaidh riaghailtean ùra, taobh a-muigh a chur an sàs aig toiseach na mìos a tha a' toirmeasg a' mhòr-chuid de stòbhaichean fiodha agus boidhlearan gas is ola ann an taighean ùra.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun deach co-chomhairle fharsaing a dhèanamh air seo agus gun do chuir a' mhòr-cuid taic ris.
Thuirt iad cuideachd gum faod stòbhaichean a bhith ann an taighean ùra cho fad 's nach tèid an cleachdadh ach ann an èiginn.
Ach, chaidh an ceòl air feadh na fìdhle is mòran gu math mì-thoilichte mu na riaghailtean.
Tha Comhairle nan Eilean Siar a-nise air a dhol an sàs.
San litir aige gu Riaghaltas na h-Alba tha ceannard na comhairle, Pòl Steele, ag ràdh nach eil am poileasaidh soilleir agus nach eil e a' toirt feart air suidheachadh nan eilean.
Thuirt Mgr Steele gur e poileasaidh airson nam bailtean mòra a tha seo a tha ga sparradh air coimhearsnachdan eileanach.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Leas-Cheannard na Comhairle, Donnchadh MacAonghais, gu bheil stòbhaichean a tha a' losgadh fiodha agus mònadh fìor chudromach anns na h-Eileananan an Iar far a bheil ìrean àrda de bhochdainn-connaidh.
Tha e a' cumail a-mach nach do bheachdaich an Riaghaltas air a' bhuaidh air coimhearsnachdan eileanach mar a bha còir fon lagh.
"Comhairle nan Eilean, Arcaibh is Sealtainn, rinn iad strì mhòr 'son an lagh a tha sin fhaighinn ann an 2018 agus tha còir aca a bhith a' coimhead gu h-iomallan air na h-eileanan agus an tuigse a th' againn, chan eil iad air sin a dhèanamhh.
"Cha chreid mi gu bheil iad air sùil idir a thoirt air na h-eileanan no air àitichean eile a tha iomallach".
Thuirt Mgr MacAonghais cuideachd gu bheil na th' ann de thuathan-gaoithe anns na h-Eileanan an Iar a' sealltainn mar a tha an sgìre a' cur ri dìon na h-àrainneachd.
Tha e ag ràdh gu bheil Comhairle nan Eilean Siar airson is nach bi na riaghailtean ùra a' bualadh air eileanan is sgìrean dùthchail eile.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun deach aithneachadh tron cho-chomhairle gur e dòigh teasachaidh ath-nuadhachail a th' ann an siostaman bith-chumhachd mar stòbhaichean fiodh agus ann an cuid de shuidheachaidhean gur iad am fuasgladh as fheàrr a bhios ann do chuid de thaighean, gu h-àraidh ann an sgìrean dùthchail.
Thuirt an riaghaltas gu bheil iad a' conaltradh ri ùghdarrasan ionadail gus dèanamh cinnteach gun tèid na riaghailtean ùra a chur an sàs mar bu chòir.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Giblean
- Air fhoillseachadh10 An Giblean