Curraicealam fa leth a dhìth airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh
An dèidh do Chomhairle nan Eilean Siar innse gu bheil iad a' coimhead ri àrd-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh anns na h-eileanan, tha buidheann iomairt airson a' chànain ag iarraidh orra a dhol nas fhaide.
Chuir a' bhuidheann Misneachd fàilte mhòr air na planaichean airson àrd-sgoil ann an Steòrnabhagh.
Ach tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil atharrachadh nas bunaitiche a dhìth ann am foghlam Gàidhlig anns na h-eileanan agus air feadh na dùthcha.
Aig an ìre seo thèid sgrùdadh a dhèanamh air cosgaisean agus mar a dh'obraicheadh e àrd-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh, le tuigse ann gur ann an Steòrnabhagh a bhiodh an sgoil ùr.
Thuirt Misneachd gu bheil iad air leth toilichte an naidheachd a chluinntinn 's gu bheil feum dha-rìribh air àrd-sgoil.
Ach tha iad ag iarraidh atharrachaidh bhunaitich eile ma tha a' Ghàidhlig gu bhith aig an òigiridh sa choimhearsnachd.
Èirinn
Tha Màrtainn Mac a' Bhàillidh bhon bhuidhinn ag iarraidh gun deadh dualchas, cultar agus pròis sa chànan a theagaisg dhan chloinn anns na sgoiltean - car coltach ri mar a tha ann an Èirinn.
"Far a bheil cultar, dualchas na Gàidhlig fada fada nas làidire anns a' churraicealam fhèin," thuirt e.
"Tha iad a' tuigsinn carson a tha iad anns na sgoiltean sin. Tha iad a' tuigsinn dè tha a' Ghàidhlig a' ciallachadh dhaibh gu h-eachdraidheil a thaobh fèin-aithne.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil curraicealam fa leth a dhìth airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig chan ann a-mhàin anns na h-Eileanan. Dhèanadh sin feum ann an Glaschu cho math.
"Ann an Èirinn, tha iad a' tuigsinn carson a tha Gàidhlig cudromach dhaibh mar phàirt den fhèin-aithne aca mar Èireannaich.
"Dh'fhaodadh dualchas na Gàidhlig a bhith air a thoirt seachad anns na clasaichean - dìreach carson a tha i cudromach? Carson a tha iad ann?
"Agus tha mi a' smaoineachadh gur e cnag na cùise anns na sgoiltean co-dhiù gu bheil pàirt mhòr aige siud aig a' churraicealam agus gur e an ìre mhath dìreach tionndadh den churraicealam Beurla a gheibh iad.
"Chan eil e air a dhealbhadh airson toirt seachad mion-chànain.
"Chan eil e air a dhealbhadh airson toirt seachad cultair - agus feumaidh sin a bhith aig cridhe ghnothaichean bhon bhun-sgoil air adhart," thuirt e.
Thèid aithisg a chur mu choinneimh chomataidhean Comhairle nan Eilean Siar anns a' Ghearran.