"Tha rudeigin catastrafach air tachairt am badeigin"
- Air fhoillseachadh
Dh'innis fear a th' air a bhith na fhear-lagha dìon fad iomadh bliadhna don Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann gun do thachair rudeigin "catastrafach" nuair a chaidh fear nach deach riamh a dhìteadh de dh'eucoir sam bith, an sàs ann an tachartas san deach a bhean a dhroch ghoirteachadh, a bhràthair-chèile a mharbhadh agus dithis eile a leòn le gunna anns an Eilean Sgitheanach agus air Taobh Siar Rois.
Bha Dòmhnall Findlay KC a' toirt seachad na h-òraid crìochnachaidh aige sa chùis an aghaidh Fhionnlaigh Dhòmhnallaich, a tha fo chasaid muirt agus trì chasaidean gun do rinn e oidhirp air murt.
"Tha traidseadaidh dha-rìribh sa chùis seo," thuirt e.
"Chan fhaca mi cùis a bha coltach ris anns a' chòrr air 50 bliadhna a tha mi air a bhith ag obair."
"'S e traidseadaidh a th' ann, oir thug na thachair air an 10mh là den Lùnastal 2022 buaidh cho mòr air na h-uimhir de dhaoine," thuirt e.
Dh'innis an t-Àrd-thagraiche don diùraidh: "Ge b' e dè eile a bha sibh a' smaointinn thairis air an iomadh là a bha seo, chuireadh e iongnadh mòr orm mura tug na chunnaic 's na chuala sibh buaidh mhòr oirbh."
Thuirt e gun do chaill fireannach a bheatha, gun deach teaghlach a reubadh às a chèile, agus feadhainn eile a leòn sna tachartasan a dh'adhbharaich a' chùis-lagha.
Thuirt Mgr Findlay nach robh an cliant aige riamh air a dhìteadh airson eucoir sam bith, agus a dh'aindeoin sin, air aon là, gun do mharbh e cuideigin, gun do chuir e a bhean fhèin ann an cunnart a beatha agus gun deach feadhainn eile a leòn.
"Tha rudeigin catastrofach air tachairt am badeigin," thuirt e.
Oidheam eadar na facail
Thuirt e gu bheil an luchd-casaid a' dèanamh a h-uile oidhirp toirt air an diùraidh smaoineachadh nach robh e gu diofar co-dhiù bha òtasm air Mgr Dòmhnallach gus nach robh.
Thuirt Mgr Findlay gun robh oidheam eadar na facail an sin nach robh òtasm a' cunntadh, ach thuirt e: "Ach gu dearbha tha e a' cunntadh. 'S e an aon rud air a bheil a h-uile duine ag aontachadh gun robh mì-rian speactram òtasm air bho rugadh e.
"Rugadh e leis, agus bho bha e na bhalach cha d' fhuair e taic phractaigeach sam bith.
"Cha robh an taic sin aige a dh'fhaodadh a bhith aige nan robh e air dearbhadh fhaighinn. Tha e gu sìmplidh fìor nach d' fhuair e cuideachadh."
Tha Mgr Dòmhnallach, 41, air a dhol às àichadh gun do mhuirt e a bhràthair-chèile John MacFhionghain na dhachaigh anns an Teanga, san Eilean Sgitheanach air an 10mh là den Lùnastal 2022 le bhith a' losgadh air le gunna-froise.
Tha an t-einnseanair mara air tagradh dìon shònraichte a chur a-steach mu choinneimh na casaid muirt, ag ràdh gun robh claonadh inntinn aig an àm ga fhàgail gun chomas smachd a chumail air na rinn e no measadh a dhèanamh air.
Tha e cuideachd air a dhol às àicheadh gun do dh'fheuch e ri a bhean Rowena, 34, a mhurt air an aon là ann an dachaigh an teaghlaich ann an Tarsgabhaig san Eilean Sgitheanach le bhith ga sàthadh grunn thursan.
Chaidh e às àicheadh cuideachd gun do dh'fheuch e ris an t-seann lìghiche-chnàmhan John Don MacCoinnich 's a' bhean aige Fay, a tha le chèile 65 bliadhna de dh'aois, a mhurt san dachaigh aca san Dòrnaidh air Taobh Siar Rois air an aon là le bhith a' losgadh orra le gunna-froise.
Chuala a' chùirt nach deach òtasm a dhearbhadh air Mgr Dòmhnallach gu an dèidh dha a bhith air a chur fo chasaid.
"Gu beagnaidh mireil"
Nas traithe, dh'innis an Leas-tagraiche Liam Ewing KC don diùraidh, a thaobh na casaid gun do dh'fheuch e ri a bhean a mhurt, nach robh "bunait sam bith ann" air am faigheadh iad gun deach an ionnsaidh adhbharachadh le fianais air neo-dhìlseachd fheiseil.
Thuirt e gun robh Mgr Dòmhnallach air lorg fhaighinn air corra theachdaireachd teacsa a bha "gu beagnaidh mireil" air fòn a mhnà eadar i fhèin agus co-obraiche.
"Ach cha robh dad sna teachdaireachdan sin às an tuigeadh duine gun robh càirdeas leantainneach feiseil ann."
"Chan eil fianais sam bith ann gun do chaill an duine a tha fo chasaid smachd air fhèin le bhith a' faighinn a-mach gun robh a bhean a' suirghe ri fear eile."
Thug e iomradh air mar a dh'innis Mgr Dòmhnallach do na Poilis: "B' fheàrr leam gum faighinn air a' ghleoc a thionndadh air ais. Tha mi dìreach a' faireachdainn mura robh i air tòiseachadh a' sabaid rium gu fiosaigeach nach robh e riamh air tachairt."
Tha a' chùis, air beulaibh a' bhritheimh a' Bhana-Mhorair Dhruiminneach, a' leantainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 23 uair