Rabhadh sìde is tuilleadh sneachda ga ghealltainn
- Air fhoillseachadh
Tha na poilis ag iarraidh air daoine gun a bhith a' siubhal air rathaidean na h-Alba Disathairne is dùil gun tig tuilleadh sneachda le Stoirm Bert.
Tha rabhadh òmar le Oifis na Sìde, taobh a-muigh an sàs mar-tha airson pàirtean dhen Ghàidhealtachd, Siorrachd Obar Dheathain, Peairt is Ceann Rois agus Sgìre Aonghais.
Ruithidh sin bho 07:00 gu 17:00 Disathairne, le cunnart nas motha ann gun toir an aimsir buaidh air còmhdhail agus dealan.
Tha an rabhadh bho Phoileas Alba a' gabhail a-steach a h-uile rathad tuath air meadhan na h-Alba.
Cuideachd, chaidh grunn rabhaidhean buidhe a' buntainn ri sneachd, gaoth làidir agus uisge trom a chur a-mach airson Alba thairis air an deireadh-sheachdain.
Thuirt na poilis gum bu chòir dhan a h-uile duine faighneachd dhaibh pèin am feum iad siubhal air na rathaidean.
Tha Còmhdhail Alba ag ràdh, taobh a-muigh gum faodadh sneachd domhainn a bhith air cuid de rathaidean, gu h-àraid air talamh àrd, agus gum faodadh cuid de choimhearsnachdan a bhith air an gearradh dheth.
Dh'fhaodadh coimhearsnachdan an dealan agus lìonraidhean fòn a chall cuideachd.
A thuilleadh air an sin, tha buaidh ga thoirt air seirbheisean rèile agus dh'iarr ScotRail , taobh a-muighair luchd-siubhail sùil a chumail air fiosrachadh mun dèidhinn Dihaoine agus air an deireadh-sheachdain.
Tha cuideachd grunn sgoiltean dùinte, taobh a-muigh air a' Ghàidhealtachd Dihaoine.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean