Sneachda is deigh a' toirt buaidh a-rithist aig tuath
- Air fhoillseachadh
Thuit tuilleadh sneachda oidhche Chiadain air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, 's tha sin a' toirt buaidh air na rathaidean madainn Diardaoin.
Tha sneachda is deigh nan trioblaid air grunn slighean, 's thathas ag iarraidh air dràibhearan a bhith air am faiceall.
Tha Rabhadh Buidhe an sàs aig Oifis na Sìde suas gu 12:00f. Diardaoin airson sneachda is deighe.
Thug Comhairle nan Eilean Siar rabhadh seachad mu shneachda trom an ceann a deas Leòdhais agus anns na Hearadh - gu h-àraid timcheall air a' Chliseam.
Dh'iarr iad air daoine a bhith gu math faiceallach ma tha iad a' siubhal an sin, 's gun siubhal idir mura h-eil cruaidh-fheum air.
Tha an A9 dùinte tuath air cearcall-rathaid an Todhair san Eilean Dubh agus craobh air tuiteam.
Thuirt Stagecoach na Gàidhealtachd gu bheil na seirbheisan bus aca uile ann an sgìre Inbhir Nis air an cur dheth rè ùine le buaidh na h-aimsire.
Tha buaidh air seirbheisean bus ann an sgìrean eile den Ghàidhealtachd cuideachd.
Tha cuideachd mòran sgoiltean dùinte a-rithist Diardaoin.
Bha mòran sgoiltean agus sgoiltean-àraich aig tuath, agus ann an iomadh sgìre de dh'Alba, dùinte Diciadain leis an t-sneachda.