Teine aig taigh-staile Laphroaig an Ìle

Taigh-staile LaphroaigTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Taigh-Staile Laphroaig ann an Ìle oidhche Chiadain a dhèiligeadh ri teine, agus aithrisean ann gun cualas spreadhadh ann.

Chaidh fios a chur orra mu 8:30f gun robh teine a' gabhail ann an seòmar a' bhoidhleir.

Chuireadh dà charbad-smàlaidh chun na làraich, ann am Port Ilein, agus mhùch iad "teine beag".

Dh'fhalbh iad mu 9:41f an dèidh dhaibh dearbhadh gun robh an làrach sàbhailte, thuirt iad.