Gearan teaghlaich mu rannsachadh Alasdair MhicUilleim
- Air fhoillseachadh
Rinn teaghlach fhir a chaidh a mhurt ann an Inbhir Narann bho chionn 19 bliadhna gearan mu rannsachadh nam Poileas.
Chaidh losgadh air Alasdair MacUilleim air stairsich a dhachaigh san t-Samhain 2004 is chaochail e san ospadal às dèidh sin.
Ged a chaidh ath-sgrùdaidhean is na mìltean de dh'agallamhan poilis a dhèanamh, cha deach casaidean a chur às leth duine riamh ann an co-cheangal ri murt a' bhancair.
Dh'innis na Poilis an-uiridh gu bheil coltas ann gun robh buaireadh mu chead-dealbhachaidh aig taigh-òsta faisg air dachaigh Mhgr MhicUilleim aig cridhe na cùise.
Tha e a-nise air tighinn am bàrr gun do rinn teaghlach Alasdair MhicUilleim gearan bho chionn ghoirid a thaobh mar a chaidh a' chùis a làimhseachadh .
Dh'innis Poileas Alba is Seirbheis Luchd-casaid a' Chrùin gu bheil iad air coinneachadh ri teaghlach Mhgr MhicUilleim gus bruidhinn mu na gnothaichean a thog iad.
Thuirt na Poilis gu bheil iad a' dèanamh rannsachaidh a tha farsaing is mionaideach is gu bheil iad an dòchas gun tig na freagairtean a tha an teaghlach ag iarraidh às.