Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal a’ bhidio,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

Dè th' ann am boireannach?

Thòisich luchd-lagha Riaghaltas na h-Alba air an ath-thagradh aca anns a' Phrìomh Chùirt mu dheidhinn dè th' ann am boireannach fon lagh. 'S e seo an ìre mu dheireadh ann am batal eadar an Riaghaltas agus a' bhuidheann For Women Scotland mun dòigh sa bheil bile an Riaghaltais ag ràdh gu bheil daoine tar-ghnèitheach aithnichte mar bhoireannaich. A rèir For Women Scotland, chan eil ann an gnè ach rud bith-eòlasach nach gabh atharrachadh.

Còraichean daonna sluagh a' chinn a tuath

Tha ceist a bheil muinntir na Gàidhealtachd 's nan eilean a' faighinn an còraichean daonna nuair a thig e gu slàinte, taigheadas agus biadh. Thàinig am beachd à sgrùdadh a rinn Coimisean Chòraichean a' Chinne-Daonna an Alba air an t-suidheachadh ann an Earra-Ghàidheal, na h-Eileanan Siar, Arcaibh 's Sealtainn, Moireibh agus a' Ghàidhealtachd. Am measg nan uireasbhaidhean a fhuair iad bha bochdainn connaidh agus cho mì-earbsach 's a tha còmhdhail phoblach san sgìre.

Moladh 'son àrd-sgoil Ghàidhlig an Steòrnabhagh

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' dol a choimhead ri àrd-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh. Tha iad a' cur romhpa mar phàirt de Phlana Gàidhlig na Comhairle sùil a thoirt air. Chan eil fhios aig an ìre seo an e sgoil fa leth a bhiodh ann, no sgiath ùr a chruthachadh an cois Àrd-Sgoil MhicNeacail a dh'aona-ghnothach do sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig. Dh'aontach comhairlichean aig coinneimh phrìobhaidich an-raoir gun deadh aithisg a chur fa chomhair chomataidhean an ùghdarrais ionadail sa Ghearran. Ron sin, thèid sgrùdadh a dhèanamh mu chosgaisean 's mun bhuannachd a bhiodh an cois an leithid a dhèanamh.

Lebanon

Tha na mìltean a' tilleadh gu an dachaighean an ceann a deas na Lebanon an dèidh mar a chaidh fosadh-cogaidh aontachadh eadar Israel agus Hezbollah. Tha coltas gu bheil an t-sìth a' seasamh bho chaidh a gairm gu h-oifigeil aig 02:00m an-diugh air an uair againne. Thug Israel rabhadh gu bheil cuid de sgìrean nach eil fhathast sàbhailte, ach tha sreathan chàraichean làn teaghlaichean a' tilleadh dhachaigh air an ràthad eadar Beirut 's an ceann a deas. Tha mu 60,000 Israeleach cuideachd a' meòrachadh air tilleadh dhachaigh a cheann a tuath Israel cho luath 's a bhios e sàbhailte dhaibh sin a dhèanamh.

Seirbheisean rèile

Tha na seirbheisean rèile uile a-mach 's a-steach à stèisean Inbhir Nis dheth an-diugh, air sgàth mar a dhòrt stuth ceimigeach faisg air an stèisean. Tha dùil nach tòisich a' chuid mhòr aca eadar seo 's 8:00f a-nochd agus ged a bheir ScotRail sùil air a' chùis tha iad ag ràdh eadar seo 's sin feuch an gabh cuid aca a chur a dhol nas tràithe.

Aiseag a' Chorrain

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd fàilte air naidheachd gun tèid airgead bho Aonta Baile is Roinne Inbhir Nis 's na Gàidhealtachd a chosg air aiseag dealain ùr an àite aiseag a' Chorrain. Dhearbh Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Shona Robison, gum faigh iad £28m às an stòras airson an aiseig. Thèid i an àite an t-seann bhàta, am Maid of Glencoul, a tha a' ruith an-dràsta agus a tha faisg air 50 bliadhna de dh'aois.