Càineadh air mar a làimhsich Riaghaltas na h-Alba lìonra nan aiseagan

- Air fhoillseachadh
Rinn na dùbhlanaich aig Holyrood càineadh air mar a tha Riaghaltas na h-Alba air seirbheis nam bàtaichean-aiseig a làimhseachadh ann an deasbad Diciadain.
Chaidh càineadh a dhèanamh air mar a dh'fhaillich air Gàrradh MhicFhearghais air Chluaidh air cùmhnant ùr fhaighinn an t-seachdain seo airson seachd bàtaichean-aiseig beaga ùra a thogail do ChalMac.
Thugadh slaic cuideachd air mar a tha faraidhean aiseig ag èirigh 10% deireadh a' Mhàirt
Thuirt Rùnaire na Còmhdhail ge-tà, gun robh adhartas air a bhith ga dhèanamh.
Thog Claire Baker BPA aig na Làbaraich air a' bhuaidh a tha mar a tha na seirbheisean aiseig a' toirt air luchd-cleachdaidh.
"Nuair a thèid seòladh a chur dheth, chan e a-mhàin gu bheil e mì-ghoireasach, 's ann a nì e cron air an eaconomaidh ionadail, air gnothachasan agus teaghlaichean.
"Caillidh daoine coinneamhan ospadail, caillidh gnothachasan luchd-ceannaich agus stoc, agus na coimhearsnachdan air an gearradh dheth.
"Chan e mì-ghoireasachd bheag a th' anns a' chion chòmhdhail a tha seo.
"Dh'fhaillich air Riaghaltas na h-Alba o chionn ro fhada planadh ceart a dhèanamh airson cabhlach nan aiseagan ùrachadh.
"Tha na soithichean aosta sa chabhlach a-mach à seirbheis gu tric airson obair-càraidh dhaoir, agus chan eil plana air a bhith ann 'son na h-ùine fada soithichean ùra a chur nan àite," thuirt i.
Gàrradh MhicFhearghais
Rinn Ms Baker càineadh cuideachd air fàiligeadh Gàrradh MhicFhearghais cùmhnant ùr fhaighinn, agus air an àrdachadh anns na faraidhean aiseig.
"Tha mar a chaidh an cùmhnant seo a chur a-null thairis na chothrom caillte air airgead a chur an sàs ann an sgilean agus bun-structar an seo an Alba," thuirt i.
"Tha an t-àrdachadh 10% air faraidhean do luchd-siubhail, nach robh luchd-ruith nan aiseagan air iarraidh, na thàmailt air muin sin do dh'Eileanaich," thuirt i.
Rinn Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, dìon air mar a tha an Riaghaltas air dèiligeadh ris na h-aiseagan.
"Tha sinn ag aithneachadh gu bheil dùbhlain an-dràsta an lùib an lìonra, agus tha mi ag iarraidh gun gabh coimhearsnachdan air a bheil seo a' toirt buaidh mo leisgeul," thuirt i.
Cha robh i idir a' gabhail ris ge-tà, gu bheil na tha an dàn do Ghàrradh MhicFhearghais a' crochadh air aon chùmhnant.
"Bidh Gàrradh MhicFhearghais air briseadh-dùil fhaighinn gun teagamh le mar a thachair leis a' phròiseas tairgse mu dheireadh," thuirt i.
"Ach tha taic Riaghaltas na h-Alba aig a' ghàrradh fhathast ann a bhith a' beachdachadh air in-ionmhas, tha iad a' coimhead ris na h-uimhir de chothroman coimearsalta, agus chan eil an ro-innleachd ghnothachais aca a' crochadh a-mhàin air aon chùmhnant."
"Dearmad"
Choirich na Tòraidhean riaghaltas an SNP airson laigsean an lìonra.
"Chaidh dearmad a dhèanamh air lìonra aiseagan na h-Alba leis an SNP," thuirt Sue Webber.
"Chaidh cur às de thargaidean-ama agus maill air muin maille a' tighinn air soithichean ris an robh dùil o chionn fhada, 's iad na milleanan notaichean thairis air buidseat.
"Chaidh Eileanaich a thrèigsinn le riaghaltas an SNP, agus tha cron ga dhèanamh air coimhearsnachdan is gnothachasan."
"Cùis-nàire"
Thuirt seann cheannard nan Lib Deamach, Willie Rennie, gun robh argamaid a' mhinsteir suarach.
"Tha fhios gu bheil e a' crochadh air cà bheil thu a' tòiseachadh, ach airson Rùnaire a' Chaibineit a bhith a' tòiseachadh na h-òraid aice an-diugh ag ràdh gun deach "adhartas a dheànamh" - bha sin dàna!
"Chan eil aon òirleach de nàire orra mun ghnothach a tha seo.
"Aiseagan fo mhaill, thairis air buidseat, uinneagan air am peantadh a-steach, slige ag aodion, càballan goirid, nas saoire an scrapadh 's tòiseachadh às ùr - abair gur e cùis-nàire a th' anns a' ghnothach seo air fad!
"Ach chan eil aon mhinistear air an dreuchd fhàgail ri linn an t-sreatha mhearachdan seo thairis air iomadh bliadhna."