Naidheachdan 11:00m
An Ucràin
Tha Sir Keir Starmer a' coinneachadh ri oifigich bho fheachdan diofar dhùthchannan a bhruidhinn air mar a dh'obraicheadh feachdan-sìthe anns an Ucràin. Tha dùil gum bi riochdairean bho chòrr is 20 dùthaich ann an Lunnainn an-diugh fhathast airson na coinneimh. Thuirt Ministear nam Feachdan Armaichte, Luke Pollard, gu bheil iad an dòchas bacadh a chur air an Ruis.
Gàsa
Thuirt oifigich slàinte Hamas ann an Gàsa gun deach na deicheadan dhaoine a mharbhadh ann an ionnsaighean adhair Isrealach tron oidhche. Rinn Hamas càineadh air na h-ionnsaighean, ag ràdh gu bheil iad a' briseadh aonta fois-fhoirneirt. Thug Ministear Dìon Israel, Israel Katz, rabhadh do mhuinntir Ghàsa, mura till iad an fheadhainn a th' aca am bruid agus mura faigh iad cuidhteas Hamas gun tèid an sgìre a sgrios gu tur.
Eddie Jordan
Chaochail fear den fheadhainn as ainmeile a bha an sàs ann am Formula a h-Aon, Eddie Jordan, aig aois 76. B' ann leis a bha sgioba Jordan eadar 1991 agus 2005, sgioba a bhuannaich ceithir rèisean san ùine sin. Dh'innis e an-uiridh gun robh aillse air. Thuirt a theaghlach gun tug e togail do dhaoine anns gach àite san robh e.
Pàigheadh a' Fàs
Tha figearan oifigeil a' sealltainn gun robh fàs ann an ìre a' phàighidh san Rìoghachd Aonaichte sa chairteal mu dheireadh den bhliadhna an-uiridh. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun do lean fàs anns na tha daoine a' cosnadh sa bhitheantas gach seachdain aig 5.9% sna trì mìosan chun an Fhaoillich.
Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn
Thèid iarraidh air comhairlichean ann an Glaschu an-diugh aontachadh ri cùmhnant luach còrr is £17m a thoirt seachad 'son obair-leasachaidh air bun-sgoil Ghàidhlig ùr air taobh sear a' bhaile. Ma thig aonta, tòisichidh obair air Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn an ath-mhìos.
Riadh
Innsidh Banca Shasainn an ceann uair de thìde an atharraich iad ìre an rèidh. Tha dùil gum fàg iad an ìre aig 4.5%. An-raoir, chum Reserve Feadaralach nan Stàitean Aoanichte an ìre acasan mar a bha i.
Sonas
Thuit an Rìoghachd Aonaichte trì àiteachan sìos clàr nan dùthchannan as sona san t-saoghal, chun an 23mh àite. 'S i an Fhionnlainn a th' aig mullach na liosta, a th' air a cur ri chèile le Aithisg Sonas an t-Saoghail, airson na h-ochdamh bliadhna sreath a chèile.