Cùmhnant Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn air a thoirt seachad

Ro-dhealbh de choltas Bun-sgoil a' Challtainn Tùs an deilbh, Comhairle Ghlaschu
  • Air fhoillseachadh

Tha pròiseact gus an ceathramh bun-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Glaschu air gluasad air adhart is cùmhnant £17.6m air a thoirt seachad.

Thàinig taic bho chomhairlichean air Comataidh nan Cùmhnantan aig Comhairle Ghlaschu feasgar Diardaoin.

Dhearbh Comhairle Ghlaschu bho thùs ann an 2021 gun rachadh am pròiseact air adhart agus gum biodh an sgoil air taobh sear a' bhaile ann an sgìre a' Challtainn.

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad an-uiridh.

Bidh an sgoil stèidhichte ann an togalach Bun-sgoil an Naoimh Seumas.

Togalach Bun-sgoil a' ChalltainnTùs an deilbh, Google

Chaidh an togalach a thogail aig deireadh na 19mh Linne ach dhùin Bun-sgoil an Naoimh Seumas ann an 2009.

Cosgaidh an sgoil ùr £23.8m uile gu lèir le dàrna-leth an airgid a' tighinn bho Righaltas na h-Alba.

Tha na cosgaisean air èirigh thar nam bliadhnaichean is dùil sa chiad dol a-mach gun cosgadh an leasachadh £16.5m.

'S ann gu buidheann togail na Comhairle fhèin - City Building Contracts LLP - a chaidh an cùmhnant a thoirt.

Tha comhairlichean "misneachail" gun tèid an obair a chumail taobh a-staigh a' bhuidseit, ged a chaidh dàil deich mìosan air an obair mar-thà.

Tha dùil gun gluais sgoilearan a-steach as t-Fhoghar 2026.

Ro-dhealbh de choltas Bun-sgoil a' ChalltainnTùs an deilbh, Comhairle Ghlaschu