Sgeama bhana-campachaidh gus leantainn

Bhana-campachaidhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha sgeama bhana-campachaidh a stèidhich Comhairle na Gàidhealtachd gus leantainn aig an ìre seo is oidhirp gus cur às dha air fàiligeadh.

Chaidh an sgeama saor-thoileach a chur an sàs as t-samhradh an-uiridh le dòchas gun tigeadh airgead às airson cosg air bun-structar a leasachadh.

Fon sgeama, thathas ag iarraidh air luchd-tadhail cairt a sheasas seachd là a cheannach airson £40.

Ach sheall aithisg a chaidh air beulaibh Comataidh nan Goireasan Corporra Diardaoin nach eil dùil a-nis gun tig ach £20,000 bhon sgeama ann an 2024/25, seach £500,000 mar a bhathas a' smaointinn bho thùs.

An Comh Ruairidh Stiùbhart
Fo-thiotal an deilbh,

An Comh Ruairidh Stiùbhart

Chuir an comhairliche Tòraidheach airson Uard Eilean a' Cheò, Ruairidh Stiùbhart, gluasad air adhart Diardaoin a bha ag ràdh gum bu chòir an sgeama a tharraing.

"'S e bùrach uabhasach a bha san sgeama seo is chan eil e air a dhol faisg air na targaidean ionmhais a bh' ann bho thùs," thuirt Mgr Stiùbhart ris a' choinneimh.

"Tha e air cron a dhèanamh air gnothachasan is tha e air daoine aig ìre na coimhearsnachd a shàrachadh."

Thuirt Mgr Stiùbhart gu bheil e den bheachd nach tèid fiù 's an targaid de £20,000 a choileanadh is gu bheil an sgeama "mar shamhla air buidheann-riaghlaidh a tha air fàilleagadh".

Cha deach gluasad an Stiùbhartaich air adhart ge-tà às dèidh co-dhùnadh nach robh e a rèir riaghailtean na Comhairle.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha Màrtainn Mac a' Bhàillidh san Eilean Sgitheanach ag ràdh gu bheil bhanaichean-campachaidh a' dèanamh sgrios is gu bheil feum air sgeama a tha riatanach seach saor-thoileach

Thuirt fear-gairm na Comhairle, Bill Lobban, gu bheil coltas ann gum feum Comhairle na Gàidhealtachd rudeigin diofraichte fheuchainn air a' cheann thall ach gum bu chòir barrachd ùine a thoirt dhan sgeama aig an ìre seo.

"Thàinig an sgeama seo gu buil an-uiridh nuair a bha seusan na turasachd cha mhòr seachad.

"Ma tha thu a' dol a dh'fheuchainn rudeigin, feumaidh tu cothrom na fèinne a thoirt dha is a dhèanamh tron àm a tha iomchaidh.

"Gu pearsanta, tha mi den bheachd gum faigh sinn gu deireadh a' ghnothaich is gum bi sinn 'son rudeigin eile a dhèanamh, ach feumaidh sinn cothrom na fèinne a thoirt dha tro sheusan na turasachd is bheir sin dhuinn beachd air an t-slighe air adhart."