Leasachadh mòr air còmhdhail phoblaich air Ghàidhealtachd?

Ceannardan D&E Coaches agus Comhairle na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh D&E Coaches a-niste a cheannach le Comhairle na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum faodadh an co-dhùnadh a' chompanaidh D&E Coaches a cheannach leasachadh mòr a thoirt air seirbheisean còmhdhail agus airgead a chùmhnadh.

Tha an t-ùghdarras ionadail a-niste air crìoch a chur air a' phròiseas fo bheil iad air a' chompanaidh a cheannach.

Tha a' chompanaidh air a bhith a' ruith mòran de sheirbheisean bus sgoile air Ghàidhealtachd o chionn ùine.

An-dràsta tha a' Chomhairle a' cosg mu £25m sa bhliadhna air còmhdhail phoblaich agus sgoile agus dh'èirich cosgaisean faisg air an treas cuid sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

"Saoilidh mi gur e fìor dheagh rud a th' ann dhan Chomhairle," thuirt Ceannard na Comhairle, Raymond Bremner.

"Tha a bhith a' ceannach companaidh bhusaichean le eachdraidh leithid na th' aig D&E a' toirt dhuinn na h-uimhir de smachd air na cosgaisean againn.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha Reamonn Bremner gu math misneachail mun ghnothach

"Chunnaic sinn na cosgaisean againn ag èirigh bho £17m gu £25m an turas mu dheireadh a chaidh sinn a-mach gu tairgse airson chùmhnantan còmhdhail phoblaich.

"Tha cosgaisean atmhor mar sin, £8m air £17m, chan eil e comasach don Chomhairle san ùine fhada," thuirt e.

Chan eil dùil gun atharraich na seirbheisean a tha D&E a' toirt seachad fon t-suidheachadh ùr.

"Chan atharraich idir," thuirt Mgr Bremner.

"Dhomhsa dheth, leanaidh cùisean mar a tha iad le D&E Coaches.

"'S e companaidh air leth a th' ann, agus saoilidh mi gu bheil e cudromach gun lean an t-earbsa a th' aig daoine anns na seirbheisean," thuirt e.

D&E Coaches