Boireannach a chaochail an Inbhir Nis air a h-ainmeachadh

Miriam DhòmhnallachTùs an deilbh, Teaghlach Miriam Dhòmhnallaich
  • Air fhoillseachadh

Chaidh boireannach a chaochail às dèidh buaireadh ann an Inbhir Nis oidhche Dhòmhnaich ainmeachadh mar Miriam Dhòmhnallach, 52.

Thuirt Poileas Alba gun deach oifigearan a ghairm gu taigh air Slighe Craigton ann an sgìre Mharc Innis mu 7:30f.

Thugadh boireannach aois 52 is fireannach aois 55 gu Ospadal an Ràthaig Mhòir is iad air an droch ghoirteachadh.

Chaochail am boireannach Diluain. Tha am fireannach fhathast san ospadal.

Nochd Tòmas Friseal, 30, ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis Dimàirt fo chasaid muirt agus oidhirp air murt.

Thathas a' fàgail air gun do chleachd e dà sgian gus a mhàthair agus am fireannach a shàthadh grunn tursan.

Cha do rinn e tagradh sam bith is chaidh a chumail an grèim.