Fear à Inbhir Nis fo chasaid muirt agus oidhirp air murt

Slighe Craigton, Inbhir Nis
Fo-thiotal an deilbh,

Bha na poilis fhathast aig an làraich Dimàirt

  • Air fhoillseachadh

Tha fireannach, 30, fo chasaid gun do mhuirt e a mhàthair agus gun do dh'fheuch e ri fear, 55, a mhurt ann an Inbhir Nis.

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm gu Slighe Craigton ann an sgìre Mharc Innis mu 7:30f Didòmhnaich.

Thugadh dithis - fireannach aois 55, agus boireannach aois 52 - a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir 's iad air an droch ghoirteachadh.

Dh'innis na Poilis gun do bhàsaich am boireannach san ospadal Diluain.

Nochd Tòmas Friseal, 30, aig Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis Dimàirt.

Thathas a' fàgail air gun do chleachd e dà sgian gus a mhàthair is am fireannach a shàthadh grunn tursan.

Cha do rinn e tagradh sam bith agus chaidh a chumail an grèim.