Thòisich iomairt Chupa Mholdòbha ann an Leòdhas agus na Hearadh oidhche Luain.
Chuir Nis fàilte air An Rubha gu pàirce nan Còig Peighinnean anns a' chiad chuairt.
Chaidh na sgiobaidhean a-steach aig leth-ùine is Nis 1-0 air thoiseach às dèidh tadhal bho Lee Johnson.
Bha deich mionaidean craicte san dàrna leth a dh' fhàg cùisean co-ionnann aig 3-3.
Bhuannaich na Rubhaich aig a' cheann thall ge-tà agus tadhal bho Rob Jones, sa mhionaid mu dheireadh de dh' ùine àbhaisteach, a' glèidheadh an geam dhaibh.
Le naoi sgiobaidhean san fharpais, fhuair Na Lochan troimhe chun dàrna cuairt gun geama a' chluich.
Cluichidh an Rubha nan aghaidh oidhche Chiadain san dàrna cuairt.
Bha na tri geamaichean eile oidhche Luain san dàrna cuairt.
Tha Am Bac troimhe chun na h-iar chuairtean deireannach às dèidh dhaibh a' chùis a' dhèanamh air Athletic Steòrnabhaigh, 2-1, ann an Col Uarach.
Thèid Am Bac a-niste an aghaidh Na Lochan neo An Rubha san iar-chuairt dheireannach.
Fhuair An Taobh Siar troimhe cuideachd is iad a' dèanamh a' chùis air Càrlabhagh, 6-3, aig Cnoc a' Choillich.
Bha Càrlabhagh 3-2 air thoiseach, mus d' fhuair na Siaraich tadhal anns na diogan mu dheireadh airson a' gheam a thoirt gu ùine a bharrachd.
Fhuair An Taobh Siar trì eile ann an ùine a bharrachd le Ali 'Barabhas' Macleòid a' criochnachadh a' gheam le tri tadhail dha fhèin.
'S iad Na Hearadh a thèid nan aghaidh san iar-chuairt dheireannach eile.
Thug iadsan droinneadh do United Steòrnabhaigh aig Pàirce Ralaidh, 's iad a' tighinn am bàrr 7-2.
Am measg nan tadhail dha na Hearaich bha Jack Hay, a fhuair trì, agus Seumas MacEanraig.