Camanachd an Òbain is Ceann a' Ghiùthsaich a' coinneachadh às ùr

- Air fhoillseachadh
Airson a' cheathraimh bliadhna ann an sreath thèid Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh Camanachd an Òbain ann an cuairt dheireannach Cupa MhicAmhlaigh Disathairne.
'S ann dha na prìomh ochd sgiobaidhean sa cheann a tuath agus sa cheann a deas a tha an cupa, is iad air an cumail fa leth suas chun na cuairte deireannaiche.
'S iad Kings a thàinig am bàrr ann an 2022 agus 2024 le Camanachd an Òbain a' buannachadh a' chupa ann an 2023.
Fhuair Ceann a' Ghiùthsaich dhan chuairt dheireannaich le bhith a' dèanamh a' ghnothaich air na nàimhdean aca Bail' Ùr an t-Slèibh 3-0.
Tha iad cuideachd fhathast le cothrom air na ceithir farpaisean a bhuannachadh uair eile air an t-seusan seo.
Tha Cupa MhicThàmhais anns a' phreasa aca mar-thà, tha iad aon phuing far mhullach na Prìomh Lìge agus coinnichidh iad ris a' Bhail' Ùr ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd an ath-mhìos.
"Cudromach"
"'S e seo am pàirt as cudromaiche den t-seusan," thuirt manaidsear Cheann a' Ghiùthsaich, Iain Borthwick.
"Nuair a tha thu a' faighinn chun nan geamaichean mu dheireadh san lìog, iar-chuairtean deireannach, cuairtean deireannach, 's ann an seo a tha e a' cùnntadh.
"Tha thu ag iarraidh gum bi a h-uile duine ri fhaotainn agus tha mi taingeil gu bheil oir bha cùisean doirbh aig toiseach an t-seusain a thaobh cluicheadairean air an goirteachadh.
Tha Borthwick a' sùileachadh fìor dheagh gheam an aghaidh Camanachd an Òbain Disathairne.
"'S e cracker a bhios ann," thuirt e.
"'S e sgioba òg a th' annta agus tha iad a' gluasad a' bhuill cho math.
"Chaill iad ris a' Bhail' Ùr ann an iar-chuairt dheireannach Cupa na Camanachd o chionn ghoirid ach cha do thionndaidh iad an àrd. Bha gaoth làidir ann a bha nan aghaidh san dàrna leth is bha cuid de chluicheadairean air an goirteachadh.
"Tha sinn a' sùileachadh sgioba Òbain eadar-dhealaichte Disathairne is iad air a' phàirce aca fhèin agus sluagh mun cuairt orra.
"Feumaidh sinne aire a chumail oirnn fhèin ge-tà, agus air na tha sinn air a bhith a' dèanamh sna seachdainean mu dheireadh," thuirt e.
Camanachd an Òbain
Ged nach eil cothrom aig Camanachd an Òbain air a' Ghrand Slam 's urrainn dhaibh fhathast treble fhaighinn.
Coltach ri Kings thog iad cupa mar-thà air an t-seusan nuair a rinn iad a' chùis air Caol Bhòid ann an Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu.
Tha fìor dheagh iomairt a' dol aca san lìog cuideachd is iad an-dràsda a' suidhe aig a' mhullach, puing air thoiseach air Kings agus an Gearasdan.
Agus gun teagamh bhiodh e sònraichte dhaibh nam b'urrainn dhaibh Cupa MhicAmhlaigh a thogail a-rithist air a' phàirce aca fhèin.
"Làidir"
"Mar bhuidhinn, mar sgioba bhiodh e a' ciallachadh tòrr dhuinn," thuirt manaidsear Camanachd an Òbain, Daniel Camshron.
"Cha do bhuannaich mise an cupa seo ach aon turas nuair a bha mi a' cluich.
"Tha deagh chothrom aig an sguad seo faighinn dhan chuairt dheireannaich seo a-niste leis cho làidir is a tha iad am measg sgiobaidhean a' chinn a deas.
"Chan eil e gu diofar dè an sgioba a bhios ann bhon cheann a tuath ge-tà, ' s e Ceann a' Ghiùthsaich a th' air a bhith ann o chionn ghoirid, 's e geam doirbh a bhios ann," thuirt e.
Agus tha e dòchasach gun cuir an sgioba aige deagh chrìoch air an t-seusan.
"Tha na balaich ann an deagh shuidheachadh airson an dà chupa a tha seo a thogail", thuirt e.
"Feumaidh earbsa a bhith aca annta fhèin, mar a th' air a bhith aca sa chòrr den t-seusan."