Dùnaidh co-chomhairleachadh mu leasachadh Chiseorn Dihaoine
- Air fhoillseachadh

Tha planaichean mòra ann airson gàradh Chiseorn a leasachadh
Tha gu Dihaoine aig daoine beachdan a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd mu phlanaichean gus seann ghàradh ola Chiseorn a leasachadh.
Tha co-bhanntachd de luchd-gnothachais airson obair a thòiseachadh ann a' dèanamh nithean airson gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail.
Tha iad ag ràdh gun deigheadh mu thrì mìle cosnadh a chruthachadh ann thar ùine.
Ach, tha sgarradh bheachd anns a' choimhearsnachd mu dheidhinn.
Planaichean
Tha Kishorn Port Ltd (KPL), co-bhanntachd eadar na companaidhean Ferguson Transport (Spean Brige) Earranta agus Leith's (Scotland) Earranta.
Tha iad ag amas air ionad a chruthachadh aig an t-seann ghàradh ola a bhiodh a' dèanamh innealan airson cumhachd na mara 's na gaoithe agus cuideachd airson seann ionadan ola 's gas a thoirt às a chèile.
A-rèir duilleagan fiosrachaidh na buidhne, taobh a-muigh dh'fhaodadh an làrach a bhith cudthromach do phlanaichean Riaghaltas na h-Alba a thaobh cumhachd ath-nuadhachail, agus suas ri 3000 cosnadh a chruthachadh.
Tha iad a' coimhead am-measg eile air a' chuaraidh agus goireasan eile air an làrach a leudachadh 's iad ag ràdh gun tèid buaidh na h-obrach air an àrainneachd a lùghdachadh leis a' chruth a bheir iad air.
Draghan
Tha cuid amharasch mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig an leasachadh air an sgìre, agus tha coltas gu bheil sgarradh bheachd sa choimhearsnachd mu dheidhinn - gu h-àraid ann am baile beag Achadh na Tràghad, air taobh eile Loch Chiseoirn, agus am baile as fhaisge air an leasachadh.
Thuirt an t-Urramach Ailean Macartair a bha na Chomhairliche sa sgìre gu bheil dragh ann mun bhuaidh a dh'fhaodadh am pròiseact a thoirt air tuathanasan èisg a tha stèidhichte mu thràth ann an Loch Ciseorn.
Tha Companaidh Bradain na h-Alba, a tha ag obair san sgìre, air litir, taobh a-muigh a chur chun na Comhairle mu na planaichean.
Tha iadsan a' togail dragh mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aige air tearainteachd agus bith-tearainteachd na laraich aca.
Tha iad ag ràdh gur dòcha gum biodh iad airson an làrach aca air Allt Ruiseil a leudachadh, 's gur e talamh a bhiodh fo leasachadh KPL an aon roghainn a bhiodh aca airson sin a dhèanamh.
Tha an t-Urr. Macartair ag ràdh gu bheil dragh ann cuideachd mu chuid de rathaidean na sgìre, ged a tha e ag ràdh gur ann air a' mhuir a bhios mòran de dh'obair a' ghàraidh a' dol air ais 's air adhart.