A87 air fosgladh a-rithist

Chuala na Poilis mun tubaist mu 11:25m Dihaoine
- Air fhoillseachadh
Tha rathad an A87 air fosgladh a-rithist an dèidh dha a bhith dùinte ri linn tubaiste na bu thràithe den là.
Thachair an tubaist faisg air Cluanaidh, agus chaidh neach a thogail don ospadal an dèidh làimh.
Chaidh Poileas Alba a ghairm chun na làraich mu 11:25m Dihaoine.
Chuir Seirbheis Ambaileans na h-Alba dà ambaileans-adhair, ambaileans-rathaid agus dà sgioba trauma chun na làraich.
Chaidh an t-euslainteach a thogail gu Ospadal Oilthigh na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu.
Bha seach-shlighe 109 mìle de dh'fhaid air a chomharrachadh do dhràibhearan airson faighinn timcheall.