Dùbhlain na Gàidhlig is na Gaeilge gan deasbad an Obar Dheathain

- Air fhoillseachadh
Tha eòlaichean às Alba is Èirinn gus tighinn còmhla ann an Obar Dheathain gus bruidhinn air na dùbhlain is cothroman a tha mu choinneimh choimhearsnachdan na Gàidhlig is na Gaeilge is mar as urrainn dhaibh ionnsachadh bho chàch a chèile.
Bidh 'Ceangal / Connect' ann aig Oilthigh Obar Dheathain Diluain is Dimàirt seo tighinn.
'S e Consalachd Choitcheann na h-Èireann, Institiùd Rannsachaidh airson Èolas Èireannach agus Albannach (Oilthigh Obar Dheathain), agus Údarás na Gaeltachta a tha air a chur air dòigh.
Tha iad ag ràdh gun toir iad luchd-poileasaidh, acadaimigich, stiùirichean cultarail, agus buidhnean eile còmhla gus beachdachadh air leasanan a ghabhas ionnsachadh ann an ath-bheothachadh cànain.
Am measg na bhios an làthair bidh Jerry O'Donovan, Consal Coitcheann na h-Èireann.
Tha Mgr O'Donovan ag ràdh gu bheil na dearbh dhùbhlain eaconamach, sòisealta agus cultarail a' bualadh air coimhearsnachdan Gàidhlig agus Gaeilge.
"Faodaidh comharrachadh chothroman cumanta agus eisimpleirean de dheagh chleachdadh fuasglaidhean cumanta a thoirt seachad a tha buannachdail do na h-uile agus tha sinn air leth toilichte a bhith a' faicinn raon cho farsaing de luchd-ùidh a' tighinn còmhla ann an aon àite bho gach taobh de Shruth na Maoile," thuirt e.
Tha Oilthigh Obar Dheathain fhèin ag ràdh gu bheil iad air an dòigh eòlaichean a thoirt ri chèile.
"Tha fios againn gu bheil cànan mòran a bharrachd na facal labhairteach, tha e mu dheidhinn dualchas co-roinnte, faireachdainn de bhuinteanas, coimhearsnachd agus dràibhear airson cothrom san àm ri teachd," thuirt an t-Ollamh Michelle NicLeòid, Ceannard Sgoil nan Cànan, Litreachas, Ceòl agus Cultar Lèirsinneach aig an oilthigh.
"Tha ionnsachadh bho chèile a' cur rud luachmhor ri seasmhachd agus ath-bheothachadh ar cànanan agus tha sinn air leth toilichte a bhith comasach air uimhir de phrìomh ghuthan a thoirt còmhla à Èirinn agus Alba."